
Cathy Bhàn aig Ceòlas 2015
Dùbhlan air a chuir ro Chathy Bhàn aig Fèis Cheòlais 2015. Cathy MacDonald's challenge at the twentieth anniversary of Ceòlas festival in Uist.
Fhuair Cathy a-mach thairis air seachdain Cheòlais nach ann a-mhàin mu chlasaichean ionnsachaidh anns an sgoil a bha an fhèis. Às dèidh cuairt Dhòmhnaill Ruairidh chun an taobh a deas mar a chuala sibh anns a' phrògram mu dheireadh agus, às dèidh na bha sin de choiseachd a dhèanamh, bha suas ri sia cèilidhean taighe gu bhith gabhail àite an oidhche sin. Eadar taobh an iar is taobh an ear ceann a deas Uibhist bha taghadh ann de chèilidhean, agus muinntir an àite a' fosgladh an dorsan agus a' cur fàilte mhòr air luchd-frithealaidh na fèise a thighinn a-staigh. Rinn Cathy an gnothach air tadhail air dà chèilidh agus gheibh sibh blasad dhiubh sin. Tha Pol MacCaluim a' toirt dhi tòrr comhairle agus cuideachaidh mun an t-seinn agus 's ann air line dancing a tha i a' feuchainn air an t-seachdain seo. Agus tha beagan farpais aig Cathy a thaobh an t-seinn - tuigidh sibh sin nuair a chluinneas sibh Simona à Romania a' gabhail òran anns a' Ghàidhlig.
Last on
Cathy ann an còmhradh ri Simona à Romàinia

Cathy a' feuchainn air Line dancing le taic bho Jayne NicLeòid

Bha Patsy Seddon a’ toirt cuideachadh is taic do Chathy

Broadcasts
- Mon 16 Nov 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 16 Nov 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Nov 201513:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 27 Jun 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 27 Jun 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Jul 201613:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 Jul 202009:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Jul 202515:30BBC Radio nan Gàidheal