Main content

Episode 5

Episode 5 of 10

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Eddie Graham agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne air ais le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan à tasglann Radio nan Gàidheal.

In this programme for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings, he chats to Eddie Graham about his learning experience and Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

55 minutes

Last on

Sun 23 May 202110:30

Tar-sgrìobhadh – Thuige Seo

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh le Màiri Bremner


[Dòmhnall] Tha mi cinnteach gur e gun deach sibh air a’ Chòmhairle, as coireach gu bheil sibh nur suidhe an seo, as coireach gu bheil sibh cho ainmeil ’s a tha sibh.


[Màiri] Saoil a-nist’ a bheil sin ceart?


[Dòmhnall] A bheil sibh a’ dèanamh dheth gum biodh sibh ainmeil co-dhiù?


[Màiri] ’S dòcha gun robh mi air a bhith ainmeil co-dhiù!


[Dòmhnall] Ach, a dhol air a’ Chòmhairle, thug sin farsaingeachd dhuibh nach robh agaibh, ’s nach biodh air a bhith agaibh às aonais, tha mi cinnteach.


[Màiri] Thug le cinnt, agus a-rithist thug e mi air feadh iomadach àite agus choinnich mi ri iomadach duine. ’S dòcha nach robh mi air coinneachadh riutha. ’S dòcha gun robh mi air rud air choreigin eile a dhèanamh lem bheatha ach mar a thachair agus mar a chuir mi seachad a’ mhòr-chuid dhem bheatha, tha mi gu math toilichte gur ann mar sin a rinn mi e.


[Dòmhnall] Uill, ’s e beatha thrang a th’ air a bhith ann, agaibh air a’ chomhairle agus ann an rudan eile cuideachd agus thig sinn gu cuid dhen sin. Ach thòisich a’ bheatha thrang sin gu math tràth ann an Uibhist ’s uallach gu leòr na chòis, nach do thòisich?


[Màiri] Thòisich, cha robh mi ach ochd bliadhna nuair a dh’fhalbh mo mhàthair agus bha piuthar bheag agam, bha i seachd mìosan, is dh’fhàs i tinn agus dh’fhalbh mo mhàthair leatha. A-nist’, bha ochd mìosan deug às a dheaghaidh sinach bho nach fhaca sinn ar màthair. ’S bha ceathrar bhràithrean agam aig an àm a bha sinach agus bha mi mar gum bitheadh a’ coimhead as an dèidh. Bha cuideachadh anns an taigh aig an àm, ach na dheaghaidh sinach, bha tòrr uallach ormsa mar an duine a bu shine anns an teaghlach a bhith a’ coimhead as an deaghaidh.


[Dòmhnall] Is bha sibh gu math òg,


[Màiri] Cha robh mi ach mu ochd bliadhna.


[Dòmhnall] Anns na bliadhnaichean às dèidh sin, nuair a dh’fhàs sibh suas, bha sibh fhèin air a’ cheann thall os cionn obair shòisealta anns Na h-Eileanan Siar. Nise, nam biodh sibh air aithisg fhaighinn mu dheidhinn nighean, deich bliadhna a dh’aois, no ochd bliadhna a’ dh’aois air an robh an t-uallach sin, bhiodh sibh air gnothach a ghabhail rithe, tha mi cinnteach.


[Màiri] Bhitheadh anns an t-saoghal a th’ ann an-diugh, ach anns an latha a bha sinach, bha sinn air ar togail gu bhith ag obair agus cha robh sìon eile againne ach a bhith ag obair, ’s cha robh eòlas againne air sìon eile, ’s bha a h-uile duine a bh’ ann ag obair. Is gu seachd àraid, bha e dualtach dhan duine a bu shine anns an teaghlach a bhith ag obair agus a’ cuideachadh anns an dachaigh.


[Dòmhnall] Teaghlach mòr, cia mheud a bha anns a teaghlach?


[Màiri] Bha dà dhuine dheug anns an teaghlach againn ach mar a thuirt mi riut, bhàsaich mo phiuthar nuair nach robh i ach seachd mìosan. Agus o chionn dà bhliadhna air ais, bhàsaich bràthair eile dhomh, cha robh e fhèin ach gu math òg, ach tha deichnear againne ann fhathast.


[Dòmhnall] Dèan dealbh dhomh air an t-seòrsa coimhearsnachd ann an Uibhist a Deas, dè am bad do dh'Uibhist a Deas às an robh sibh?


[Màiri] Gèirinis.


[Dòmhnall] Is dè seòrsa àite a bha sin?


[Màiri] Baile le fichead taigh. Bha sinn uile eòlach air a chèile. Bha a h-uile duine aig an àm a bha sinach, bha iad a’ cuideachadh càch a chèile. Bhitheadh a’ dol a-mach anns a’ bhaile cuideachd aig amannan is rudan mar sin a’ tachairt. Ach, ’s e saoghal socair a bh’ ann ann an aon dòigh, saoghal a tha gu tur eadar-dhealaichte on saoghal a th’ ann an-diugh. Cha robh solas againn, cha robh uisge againn. Bhithinnsa a’ tarraing an uisge dhachaigh às an tobar. Cha robh sìon dhe na goireasan a th’ agad an-diugh ann.


[Dòmhnall] Cha robh sin furasta, nighean deich bliadhna a dh’aois, a’ cumail chàich glan, tha mi cinnteach?


[Màiri] Cha robh, agus ’s e fiù ’s tuba a bh’ ann airson a bhith a’ nighe a h-uile duine agus tuba a bh’ ann cuideachd airson dèanamh na nigheadaireachd agus aig amannan, bhitheamaid a’ dol gu taobh an locha is a’ togail teine beag aig taobh an locha agus a’ dèanamh tòrr nigheadaireachd an sinach as t-samhradh. Lem chuimhne-sa, chanainn gu bheil na samhraidhean a bh’ ann nas fheàrr na na samhraidhean a th’ air a bhith againne a-nise a thaobh sìde 's sin. Ach ’s e latha, mòr, mòr, mòr a bh’ ann, mu dhà no trì lathaichean mòra a bh’ ann, nuair a bha thu a’ dol chun an locha agus a’ dèanamh na nigheadaireachd. Ach bha a’ bheatha cho diofraichte. Bha sinn a’ bleoghainn nam beathaichean, bha mi a’ bleoghainn bheathaichean nuair a bha mi beag agus ag obair air a’ chroit, air feur ’s air arbhair, is a leithid sin còmhla rim bhràthair.


[Dòmhnall] An t-Ionnsachadh Òg dha-rìribh.

Tar-sgrìobhadh – An Claigeann aig Damien Hirst

Ma bha am Morair ag iarraidh sgread a chur air Slim, cha do chuir. ’S ann a bha e a’ fàs na bu dèidheile agus na bu dèidheile air a’ chlaigeann mar bu mhotha a chluinneadh e mu dheidhinn.


Chuir am Merr sgraing air. “Agus, by Jove, a bheil fhios agad an rud as deamhnaidh buileach... tha, an daoimean a th’ anns a’ mhaoil...”


“Seadh,” arsa Slim, “dè tha ceàrr air?”


Cha mhòr nach robh am Morair a’ tachdadh air an deoch. “Ceàrr air! A dhuine bhochd, chosg an daoimean ud còrr is trì millean not. An creideadh tu e? Leth-cheud carat agus ga stopadh ann an claigeann gun fheum.”


Cha tuirt Slim guth airson tiotan. Mu dheireadh thionndaidh e ris a’ Mhorair agus thuirt e, “Tha mi dol ga cheannach.”


Cha b’ urrainn dha Merr bruidhinn airson greis. Dh’fhàs aodann dearg. Thàinig crith na làimh.


Lean Slim air. “Glèidhidh e a luach. Bidh e mar dealbh le Van Gogh, thèid an luach suas agus suas.”


Thàinig na facail thachdte a-mach bhon fhear eile. “A bheil fhios agad dè na tha iad ag ràdh a chosgas e...”


“Siuthad, innis dhomh,” arsa Slim.


“Leth-cheud millean not.”


Cha tàinig fiamh de dh’anshocair air aodann an fhir bheartaich. “Tha mi dol ga cheannach,” ars e fhèin, “’s e bargan a th’ ann.”


B’ ann mar sin a chrìochnaich an còmhradh. Bha am Morair air fhàgail gun fhacal ’s gun fhios aige an ann a’ tarraing às a bha am fear eile, no an robh e dha-rìribh a’ dol a thilgeil fortan air an t-sitig.


Ach cha b’ ann a’ tarraing às a bha Jon Fairly idir.

Oisean a’ Ghràmair 5: Notaichean

1. SÙIL AIR AIS: as motha / a bu mhotha (‘biggest’, etc. )


Faic BEAG AIR BHEAG 3, Prògram 4. (Cuideachd: BEAG AIR BHEAG 1, Prògraman 3 & 4.)


Màiri Bremner:
“Bha tòrr uallach ormsa mar an duine a bu shine anns an teaghlach.”
“There was a lot of responsibility on me as the oldest one in the family.”


sean (n)as sine (n)a bu shine


an duine as sine ‘the oldest person’ (now)
an duine a bu shine ‘the oldest person’ (then)


duine nas sine ‘an older person, somebody older’ (now)
duine na bu shine ‘an older person, somebody older’ (then)


’S e Màiri a bu shine. ‘Màiri was the oldest.’
’S i a bu shine. ‘She was the oldest.’
Is mi as sine. ‘I’m the oldest.’


Tha mi nas sine na iadsan.  ‘I’m older than them.’
Bha iad na bu shine na esan. ‘They were older than him.’


2. as coireach, a bu choireach


Dè as coireach? = Dè an t-adhbhar? Carson?


Dè ’s coireach ri sin?  What’s the reason for that?
Dè ’s coireach ris an dàil? What’s the reason for the delay?
Dè ’s coireach ris an atharrachadh seo? ‘What’s the reason for the change?’


Dè ’s coireach gun do dh’fhalbh iad cho tràth? ‘How come they left so early?’
Dè ’s coireach gu bheil an trafaig cho slaodach?  Why’s the traffic so slow?’
Dè as coireach gu robh uallach cho mòr air Màiri?  ‘Why did so much responsibility fall on Màiri?’


Dè ’s coireach nach eil thu a’ coiseachd ceart?  ‘How come you’re not walking properly?’
Dè ’s coireach nach eil sibh a’ bruidhinn ri chèile? ‘How come you’re not talking to each other?’
Dè ’s coireach nach cuala mi mu dheidhinn seo?  ‘How come I didn’t hear of this?’


’S e sin as coireach. ‘That’s why, that’s the reason.’
’S e mise as coireach. ‘It’s because of me.’ No fiù’s ‘I’m to blame.’
’S e a’ chlann as coireach. ‘It’s because of the children.’ No ‘It’s the children’s fault.’
’S e an trafaig as coireach. ‘It’s because of the traffic.’ ‘The traffic’s to blame.’


Dòmhnall Moireasdan (ri Màiri Bremner):
“ ’S e gun deach sibh air a’ Chomhairle as coireach gu bheil sibh nur suidhe an seo, as coireach gu bheil sibh cho ainmeil ’s a tha sibh.”
“It’s that you went on the Council that explains why you’re sitting here, why you’re as famous as you are.”
(‘It’s because you went on the Council that you’re sitting here, that you’re as famous as you are.’)


N.B.
as sine a bu shine
as motha a bu mhotha
as coireach a bu choireach


’S e sin a bu choireach.  ‘That was why, that was the reason.’
’S e mise a bu choireach. ‘It was because of me.’ (No fiù’s: ‘I was to blame.’)
’S e a’ chlann a bu choireach. ‘It was because of the children.’ (‘It was the children’s fault.’)
’S e an trafaig a bu choireach. ‘It was because of the traffic.’ (‘The traffic was to blame.’)


3. ÀS DÈIDH (‘after’)


Màiri Bremner:
“Bha tòrr uallach ormsa mar an duine a bu shine anns an teaghlach a bhith a’ coimhead às an deoghaidh.”
‘There was a lot of responsibility on me as the oldest person in the family to look (‘to be looking’) after them.’


às deoghaidh = às dèidh às an deoghaidh = às an dèidh


a’ coimhead às dèidh an teaghlaich*  ‘looking after the family’
a’ coimhead às dèidh mo bhràithrean ‘looking after my brothers’
a’ coimhead às an dèidh ‘looking after them’


às dèidh sin ‘after that’
às dèidh trì uairean ‘after three o’clock’
às dèidh a’ phrògraim* ‘after the programme’


(* às dèidh + genitive: an teaghlaich a’ phrògraim)


‘After me / you / it’ etc:


‘after meàs mo dhèidh (sèimheachadh)
‘after youàs do dhèidh (sèimheachadh)
‘after him/it’ às a dhèidh/dheoghaidh (+ sèimheachadh)
‘after her/it’ às a dèidh
‘after us’às ar dèidh
‘after you’às ur dèidh
‘after them’às an dèidh


a’ coimhead às an dèidh ‘looking after them’


4. PUINGEAN EILE


1. an dèidh sin / na dhèidh sin = ‘in spite of that’


an dèidh sin = às dèidh sin ‘after that’
ach cuideachd: ‘in spite of that’


Màiri Bremner:
“Bha cuideachadh anns an taigh aig an àm, ach na dheoghaidh sinach, bha tòrr uallach ormsa mar an duine a bu shine anns an teaghlach a bhith a’ coimhead as an deoghaidh.”
‘There was help around the house at the time, but in spite of that, there was a lot of responsibility on me as the oldest person in the family to look after them.’


na dheoghaidh sinach = na dhèidh sin
an dèidh sin / na dhèidh sin
= ‘in spite of that’


2. ‘had been / had done’ airson ‘would have been / would have done’
(pluperfect airson conditional perfect)


Bha Màiri air a bhith ainmeil.  ‘Mairi had been famous.’
Bha Màiri air coinneachadh riutha. ‘Mairi had met them.’
Bha Màiri air rud eile a dheanamh. ‘Mairi had done something else.’


Ach cuideachd, air uairean:


Bha Màiri air a bhith ainmeil. = Bhiodh Màiri air a bhith ainmeil.  (would have been)
Bha Màiri air coinneachadh riutha. = Bhiodh Màiri air coinneachadh riutha. (‘would have met’)
Bha Màiri air rud eile a dheanamh. = Bhiodh Màiri air rud eile a dheanamh. (‘would have done’)


Màiri Bremner:


 “ ’S dòcha gu robh mi air a bhith ainmeil co-dhiù.”
“Maybe I had been famous anyway”, ach an seo “Maybe I would have been famous anyway.”


 “ ’S dòcha nach robh mi air coinneachadh riutha.”
“Maybe I hadn’t met them”, ach an seo: “Maybe I wouldn’t have met them.”


 “ ’S dòcha gun robh mi air rud air choreigin eile a dhèanamh lem bheatha.”
“Maybe I had done something else with my life”, ach an seo: “Maybe I would have done something else with my life.”

Abairt na Seachdain

Thèid an anmhainn dhìcheallach thar an làidir leisg

Broadcasts

  • Sun 15 Nov 201521:28
  • Wed 18 Nov 201512:00
  • Wed 18 Nov 201522:00
  • Sun 22 Nov 201510:30
  • Sun 7 Feb 201621:28
  • Wed 10 Feb 201612:00
  • Wed 10 Feb 201622:00
  • Sun 14 Feb 201610:27
  • Sun 16 May 202121:30
  • Wed 19 May 202112:00
  • Wed 19 May 202122:00
  • Sun 23 May 202110:30

Podcast