
10/11/2015
Tha Calina NicDhòmhnaill a dèanamh lèirmheas air an leabhar Island of Dreams. Calina MacDonald reviews the book Island of Dreams.
Tha an TUC air rannsachadh a dhèanamh air an ùine agus an d'astar a tha daoine a' toirt a' siubhal a dh'obair. Tha seo nas fhaide na b' àbhaist leis an àireamh a tha a' toirt barrachd air dà uair a thìde gach là air èirigh seachdad 'sa cheud. Cò ris a tha e coltach do dhaoine a dh' fheumas astar a shiubhal?
Gheibh sinn beachdan Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein air a' film ùr Brooklyn agus air an t-seann chlassaig Vertigo.
Tha Calina NicDhòmhnaill a dèanamh lèirmheas air an leabhar Island of Dreams. An dèidh Dan Boothby a bhith air a' bheò ghlacadh fad a' bheatha leis na leabhraichean aig Gavin Maxwell A Ring of Bright Water, fhuair e an cothrom gluasad dhan taigh a bh'aig Maxwell air Eilean Bàn fo dhrocheid an Eilean Sgitheanaich. Tha Island of Dreams mu dheidhinn an ùine a chuir e seachad a' fuireach ann agus mu dheidhinn an nàdar agus eachdraidh nan daoine a bha timcheall air. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 10 Nov 201512:33BBC Radio nan Gàidheal