
Episode 67
Comharran eile a' nochdadh gu robhas an impis iomart Ghallipoli a leigeil às. More signs that the Gallipoli Campaign was nearing its end in the first week of November in 1915.
Air an deicheamh là fichead den Dàmhair 1915 chaidh a' choinneamh mu dheireadh de Chomataidh nan Dardanelles aig Caibeanat Riaghaltas Bhreatainn a chumail, comharra eile gun robhas an impis toirt suas air iomairt Ghallipoli. Dà latha roimhne sin bha Sir Charles Monro a bh'air gabhail thairis bho Sir Iain Hamilton os cionn Feachd na Muir Mheadhan-Thìreach air cuairt a ghabhail timcheall Bagh Suvla agus Anzac Cove. Chuir na chunnaic an Rothach uiread de dh'uamhas air 's gun do mhol e na feachdan a tharraing air ais. Cluinnidh sinn bho Mhurchadh MacIllFhinnein à Beinn na Fadhla a bha còmhla ris na Lovat Scouts mu cho duilich agus a bha cùisean dhaibh.
Tha am prògram air a thoirt thugaibh le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 051115
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 5 Nov 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 6 Nov 201511:50BBC Radio nan Gàidheal
