
05/11/2015
Tha Anndra MacFhionghuinn air trì leabhraichean annasach a cheannach à bùth chathrannas. Andrew MacKinnon's three unusual books from a charity shop. bbc.co.uk/coinneach.
Tha Anndra MacFhionghuinn air trì leabhraichean annasach a thaghadh à bùth chathrannas.
Tha an Dr Mìcheil Newton a' mìneachadh an obair cruinneachaidh de bhàrdachd agus rosg Gàidhlig a bhios ri fhaicinn ann an leabhar ùr Seanchaidh na Coille. Cruinneachadh a bheir sealladh dhuinn air cho iomadh-fhìllte is a bha agus a tha beatha nan Gàidheal air feadh Chanada.
Tha film ùr Carry On gu bhi ri fhaicinn anns na taighean-dealbh ann an 2017. Carry On Again an tiotal agus tha deasbadan a' dol am bi e cho soirbheachail leis na seann fheadhainn.
Tha Alasdair MacEachainn ag innse mar chaidh muinntir na Chargossians a bhuineadh do dh' Eilean Diego Garcia agus eileanan eile ann an sgìre Chagos anns an Ranntair Bhreatannach de Chuan nan Innseachan a ruaig air. Tha Alasdair a' mìneachadh na sgeòil. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 5 Nov 201509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Nov 201521:13BBC Radio nan Gàidheal