
Murchadh Moireach - Blàr Ghaza
Sgeulachd Mhurchaidh Mhoirich à Sgiogarstaigh a bha air a dhroch leòn aig Blàr Ghaza 1917. Murdo Murray's personal account of being seriously wounded at the Battle of Gaza in 1917.
An dàrna prògram anns an t-sreath Nisich a' Chogaidh Mhòir far a bheil Angela NicIllEathain a' dol tro thasglann Chomann Eachdraidh Nis airson cunntasan fhaighinn bhon a' Chiad Chogadh. An-diugh, cluinnidh sinn sgeulachd Mhurchaidh Mhoirich, Murchadh 'an Bhàin à Sgiogarstaigh. Bha Murchadh air a dhroch leòn aig Blàr Ghaza ann a 1917 nuair a chaidh fhàgail air an raon gun mòran coltais, neo dòchas, gum faigheadh e às. Ach mar a chluinneas sinn bhon nighean aige Catrìona Fhearghasdan 's e rud a bh' aige na phòcaid a shàbhail e.
Anns a' phrògram cuideachd, tha Angela a' còmhradh ri iar-ogha Mhurchaidh, Kathryn Fhearghasdan a tha air an clàradh prìseil seo a chluinntinn airson airson a' chiad uair.
Last on
Catrìona Fhearghasdan agus Kathryn Fhearghasdan

Catrìona Fhearghasdan – nighean Mhurchaidh Mhoirich agus Kathryn Fhearghasdan iar-ogha Mhurchaidh
Sealladh eile den leabhar-pòcaid aig Murchadh

Broadcasts
- Thu 29 Oct 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 29 Oct 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Nov 201509:31BBC Radio nan Gàidheal