
Episode 64
Sir Teàrlach Monro a' gabhail àite Sir Ian Hamilton os cionn a MEF. Sir Charles Monro replaces Sir Ian Hamilton as commander-in-chief of the Mediterranean Expeditionary Force.
Cha robh gnothaichean a' dol gu math do dh'Arm Bhreatainn is na Frainge ann an Gallipoli. Bha Iomairt na Lùnastail aig Bàgh Suvla air fàiligeadh agus cha robh an riaghaltas aig an taigh toilichte le mar a chaidh a làimhseachadh. Air a' chòigeamh là deug den Dàmhair chaidh Sir Iain Hamilton, a bha na Àrd-Chomanndair air Iomairt na Lùnastail, a chur às a dhreuchd agus chaidh Sir Teàrlach Monro a chur na àite.
Chaidh Alasdair MacFhearghais à Port Sgioba an Ìle a mharbhadh san Fhraing air an t-seachdain sa agus cluinnidh sinn earrann de bhàrdachd a rinn Donnchadh MacNimhein dha. Bha sabaid a' dol mun cuairt Loos fhathast, le feachdan Bhreatainn a' toirt ionnsaigh eile air na trainnsichean aig an Hohenzollern Redoubt air an treas là deug agus chailleadh grunnan eileanaich eil a sin.
Tha Seachdain sa Chogadh air a thoirt thugaibh le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 151015
Duration: 10:00
Broadcast
- Thu 15 Oct 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
