
13/10/2015
Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là. Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.
A-diugh, air chùl òraid Ceann-Suidhe a Mhòd Rìoghail Nàìseanta, bheir sinn beachdam bheil dìth misneachd air luchd labhairt na Gàidhlig.
Tha iomhaigh baile Ghlaschu air atharrachadh bho feasgar na Sàbaid sa chaidh, 's flataichean a Red Road air an leigeal. B'iad na flataichean ioma-ùrlarach as àirde anns a Roinn Eòrpa. Bi dithis againn a toirt beachd air an t-àite a bh'aig na flataichean ann an eachdraidh a bhaile.
Tha 100 bliadhna bhon a chaidh bean-altraim Bhreatannach, Edith Cavell, a chuir gu bàs le na Gearmailtich aig àm a Chiad Chogaidh. Cluinnidh sinn beagan mu a beatha.
Agus tha a chompanaidh-foillseachaidh Penguin a comharrachadh 80 bliadhna bhon a nochd na leabharaichean aca an toiseach. Bi dithis àoidhean ann an còmhradh mun a sin agus leabharaichean ùra bho Penguin!
Last on
Broadcasts
- Tue 13 Oct 201509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 13 Oct 201521:00BBC Radio nan Gàidheal