
05/10/2015
An-diugh tha sinn a' comharrachadh an deich thar fhichead bliadhna den phrògram chloinne Dòtaman. Celebrating the thirtieth anniversary of the children's programme Dotaman.
Tha deich thar fhichead bliadhna ann bhon a chraobh-sgaoil BBC Alba a' chiad phrògram telebhisean Gàidhlig chloinne Dòtaman. 'S beag fios a bh' ann aig an àm cho soirbheachail 's a bhiodh am prògram agus am prìomh neach-aithris Donnie Dòtaman MacLeòid. Cha robh fada gus an Dòtaman air fhaicinn mar aon de na prògraman telebhisean Gàidhlig a b'ainmeil a bh'ann. Thèid Dòtaman aig 30 a' chraoladh a-nochd air BBC ALBA agus tha Donnie fhèin còmhla ri Cathy airson na cuimhneachain aige innse agus carson a tha a leithid cho measail air fhèin, Napoleon, Nelson agus càch.
Cluinnidh sinn bho Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis 's iad a dèanamh deiseil airson a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail an ath sheachdain anns an Òban.
Agus tha Linda Nicleòid an seo fad a' phrògram airson a beachdan a thoirt air naidheachdan na maidne. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Rhoda, Cathy, Màiri agus Donnie Dòtaman

Broadcast
- Mon 5 Oct 201512:33BBC Radio nan Gàidheal