
10/09/2015
An-diugh tha D S Moireach a' bruidhinn mun leabhar ùr aige Herring Tales. DS Murray talks about his latest book Herring Tales.
An-diugh tha Dòmhnall S Moireach a' bruidhinn mun leabhar ùr aige Herring Tales. Tha an leabhar gar toirt air chuairt bho thaobh an iar na Nirribhidh gu taobh an ear Shasainn, bho Shealtainn chun na h-Eileanan an Iar, gu calaidhean iasgaich air costa na Gearmaillt agus Na Tìrean Ìsle. Tha Dòmhnall air sgeulachdan an sgadain às na sgìrean fada is farsainn seo fhighe na cheile agus tha e ag innse dhuinn, a bharrachd air na feadhainn a bha ag iasgach an sgadain, mar a bha iad air an taisbeanadh ann an ealain, litreachas, ceòl agus beul-chainnt na Roinn Èorpa.
Chaidh co dhìu deichnear a mharbhadh anns an Spàinnt air t-Samhradh seo agus iad a' gabhail pàirt anns an spòrs ainmeil far a bheil iad a' sabaid thairbh. 'S e baile Pamplona is ainmeil airson an spòrs seo ach tha's gan cumail air feadh sgìrean na dùthcha mar phàirt de na fiestas bhliadhnail aca. Tha Catrìona Zoltowska a' fuireach anns an Spàinnt agus bheir i beachd air carson a tha uidheir a spèis aig daoine dhan spòrs chunnartach seo agus carson a chaidh barrachd dhaoine a bha na lùib am bliadhna a mharbhadh. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 10 Sep 201509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 10 Sep 201521:13BBC Radio nan Gàidheal