
An t-Urr Iain Urchardan, Eaglais na h-Alba ann an Chryston 1998
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Urchardan, Eaglais na h-Alba ann an Chryston, Glaschu bho 1998. Archive service with Rev John Urquhart, Church of Scotland, Chryston in 1998.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 130: 1-5 air fonn Martyrdom agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ghàidhealach Phartaig.
Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughadh: Salm 133: 1
Rugadh an t-Urramach Iain Urchardan sna Bàigh, Na Hearadh, agus thòisich e a' dol don sgoil ann an Sgoil Mhànais. Ghluais an teaghlach dhan t-Òb agus chaidh e do Sgoil an t-Òib, Sgoil Sir E Scot air an Tairbeart, agus an uair sin Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.
Bha ùidh mhòr aige riamh anns na h-ealain agus, nuair a bha e deiseil san sgoil, chaidh e gu Sgoil Ealain Ghlaschu airson 4 bliadhna. Às dèidh sin fhuair e obair aig a' BhBC agus bha e an sàs ann am prògraman airson Radio nan Gàidheal agus prògraman telebhisean fad 5 bliadhna. Chaidh e an uair sin a dh'Oilthigh Obar Dheathain far an do rinn e cùrsa ann an Diadhachd.
'S e paraiste Chryston a' chiad pharaiste a bh' aige na mhinistear agus chaidh e às a sin os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba am Barraigh agus Bhatarsaigh airson 3 bliadhna. Ghluais e an uair sin dhan Eilean Sgitheanach.
Tha e pòsta aig Muriel agus tha 3 chloinne aca, Mairead Anna, Eòin agus Sìleas.
Tha Iain cuideachd a' teagasg Gàidhlig do dh'oileanaich ann an Sabhal Mòr Ostaig agus bha e an sàs ann an obair eadar-theangachaidh do dh'Eaglais na h-Alba. Mar phàirt den obair seo, bha e ag ullachadh leabhar ùrnaigh sa Ghàidhlig, a' cruthachadh làrach-lìn agus ag ullachadh leabhar làitheil le leughaidhean, ùrnaighean is eile airson gach latha den bhliadhna. Tha e a' cuideachadh air a' chomataidh a tha air a bhith a' dèanamh eadar-theangachadh às ùr dhan Tiomnadh Nuadh.
Thòisich Iain air laoidhean eadar-theangachadh grunn bhliadhnaichean air ais. 'S e na laoidhean a bu shine a bu mhotha anns an robh ùidh aige an toiseach, ach tha e cuideachd ag eadar-theangachadh laoidhean ùra, laoidhean molaidh agus feadhainn a tha sìmplidh is freagarrach don chloinn.
Cluinnear Iain gach seachdain air Radio nan Gàidheal agus e a' libhrigeadh an t-sreath phrògraman Beag air Bheag airson luchd-ionnsachaidh.
Last on
Broadcasts
- Sun 30 Aug 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Aug 201921:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Nov 202521:00BBC Radio nan Gàidheal