
02/09/2015
Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là. Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.
An-diugh, beachdan mu ghainneid luchd-teagaisg ann an sgìrean dùthchail.
Tha Barak Obama air ainm a bheinn as àirde an ceann a tuath Ameireagaidh, atharrachadh bho Mount McKinley gu Denali - an t-ainm a bh'air bho thùs ann an Alasga. Chaidh ainm a' bheinn atharrachadh gu Mount McKinley ann an 1896, mar urram air Uilleam McKinley a thàinig gu bhith na Cheann-Suidhe air na Stàitean Aonaichte. Co bh'ann? Cluinnidh sinn mu a bheatha.
Leasachadh agus cosnaidhean ùra air fàire aig ionad an Cabhlach Rìoghail aig Faslann air a Gheàrr-Loch. Gheibh sinn beagan de dh'eachdraidh an àite bho fear a tha fuireachd san sgìre.
Agus de th'anns an Lizard Squad agus am bu chòir dhuinn a bhith iomgaineach mun deidhinn?
Last on
Broadcasts
- Wed 2 Sep 201509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Sep 201521:00BBC Radio nan Gàidheal