
Gleann Chille Mhàrtainn
A' cuimhneachadh air a Bhrig. Iain MacPhàrlain le prògram a chlàr e le Coinneach MacÌomhair ann an 2006. Remembering Brig. Iain MacFarlane in Kilmartin Glen, a programme from 2006.
Chaillear mòran de shàr charaidean na Gàidhlig, agus caraidean Radio nan Gàidheal, am-bliadhna. Nam measg, bha am Brigadier Iain MacPhàrlain, a rugadh 's a thogadh ann an Muile, 's a bha fad bhliadhnaichean ann an àrd-dhreuchdan san arm. B' ann an Taigh an Uillt a rinn e a dhachaigh às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad.
Bha e na shàr-eòlaiche air iomadh cuspair ach gu h-àraidh air eachdraidh, agus mar chuimhneachan air, tha cothrom eile againn èisteachd ris fhèin agus Coinneach MacIòmhair nuair a chaidh iad a Ghleann Chille Mhàrtainn ann an 2006. Tha Gleann Chille Mhàrtainn ann an Earra-Ghàidheal ainmeil airson an dìleab airceòlais a tha air fhàgail ann le còrr air ochd ceud seann làrach ri fhaicinn, eadar chladhan, clachan shnaighte agus tursachan.
Last on
Broadcasts
- Wed 26 Aug 201509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Aug 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 16 Aug 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 16 Aug 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 11 Aug 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 11 Aug 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 202313:05BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 27 Dec 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Jan 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
