
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
Ann a Lunnainn, air 17mh den Iuchar 1915, nochd dithis ann an cùirt armailteach fo amharas gur e luchd-brathaidh a bh' annta. Bha Heicke Janssen agus Willem Roos air a thighinn dhan bhaile ag ràdh gur e luchd-reic shiogàran a bh' unnta - ach an e?
Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a spreadh mèinn mhòr aig Chateau de Hooge air a 19mh den Iuchar le call-beatha agus sgrios mhòr air an àrainneachd mu chuairt. Cluinnidh sin cuideachd bhon fheadhainn a bha a' cumail leabhraichean-latha agus a' sgrìobhadh dhachaigh - Eòghann Macartair à Ile, Eòghann MacNeacail à Griomasaigh, Murchadh Moireach à Leòdhas agus Aonghas MacNèill à Barraigh a bh' air bòrd SS Ajax aig Port Mudros.
Am measg na chailleadh sa Chogadh air an t-siathamh là fichead den Iuchar bha athair sianar chloinne à Leòdhas. Bhàsaich Murchadh MacCoinnich, Murchadh Eòghainn à Port Bholair, le appendicitis ann an Amara am Mesopotamia. Bha e dà fhichead 's a h-aon agus mus deach e a Mhesopotamia bha e air còig bliadhna deug a thoirt san RNR. Chuala an sgrìobhadair Calum MacFhearghais bho mhàthair mar a thàinig naidheachd bàis Mhurchaidh Eòghainn, a h-athair, chun an teaghlaich agus na facail a bh' aig am màthair dhan chloinn.
Thòisich iomairt ùr ann an Gallipoli toiseach an Lùnastal 1915, fo stiùireadh Sir Iain Hamilton. Bha na feachdan Breatannach is Frangach a chaidh air tìr sa Ghiblinn aig Ceap Helles, an ceann a deas Ghallipoli, air a bhith glaiste anns na trainnsichean on uair sin, gun chomas bristeadh a-mach on chosta. Bha feachdan Astràilia is Sealan Nuadh aig Anzac Cove, beagan tuath air Helles, san aon t-suidheachadh.
Bha an iomairt ùr aig Hamilton, 'Ionnsaigh an Lùnastail' no 'the Autumn Offensive', a' gabhail a-steach feachd a chur air tìr ann an àite ùr, Bàgh Suvla mu chòig mìle tuath air Anzac Cove, agus ionnsaigh a thoirt air talamh àrd Sari Bair os cionn Anzac Cove aig an aon àm. Dh'òrdanaich e cuideachd ionnsaighean nas lugha ann an àitichean eile gus an t-Arm Turcach a tharraing air falbh à Suvla. Cluinnidh sinn mar a chaidh dhan chiad seachdain dhen iomairt.
Last on
Broadcasts
- Mon 10 Aug 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 10 Aug 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Aug 201513:00BBC Radio nan Gàidheal