
Còmhraidhean bho Chòmhdhail Eadar Nàiseanta na Ceiltis 2015
An-diugh, còmhraidhean bho Chomhdail Eadar Nàiseanta na Ceiltis 2015. Kenny MacIver visits the fifteenth International Congress of Celtic Studies, recently held in Glasgow.
Cothrom eile èisteachd ri còmhraidhean bhon 15mh Còmhdhail Eadar Nàiseanta na Ceiltis a chaidh a chumail aig Oilthigh Ghlaschu.
Bha sgoilearean an làthair à còig dùthchanan fichead agus iad a' ruith air iomadh cuspair co-cheangailte ri Ceiltis.
An-diugh cluinnidh sinn mu dhà leabhar ùr sa Ghàidhlig a chaidh a chuir air bhog aig a' Chòmhdhail.
Agus tha Coinneach ann an còmhradh ri Kathleen Reddy à Alba Nuadh ann an Canada agus Alasdair Scouler a tha a' rannsachadh Gàidhlig Eilean Cholbhasaigh.
Tha Aonghas MacLeòid a' bruidhinn mu bhàrdachd Gàidhlig a rinn Deòrsa Mac Iain Dheòrsa mu chultur Arabach cheann a tuath Afraga bho shealladh saighdear Gàidhealach anns na 1940an.
Agus tha Ciorstaidh NicLeòìd, piuthar Aonghais, a' bruidhinn mu rannsachadh a tha i fhèin air a bhith a' dèanamh a tha buntainn dhan latha an diugh am measg pàrantan agus clann ann an Dùn Èideann. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 22 Jul 201509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Jul 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 31 Dec 201509:00BBC Radio nan Gàidheal