
16/07/2015
Gheibh sinn a-mach dè tha dol aig Còmhdhail Eadar-Nàiseanta na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. A look at what is happening at the International Congress of Celtic Studies.
Tha An t-Ollamh Dòmhnall Meek agus an t-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh còmhla ri Coinneach 's iad ag innse dè tha tachairt aig an 15mh Còmhdhail Eadar-Nàiseanta na Ceiltis, a tha gabhail àite aig Oilthigh Ghlaschu air an t-seachduinn sa.
Tha amas ann taghadh-nàiseanta a chumail ann an Astràilia gus seasamh a thoirt dha Aborigines ann an bun-reachd na dùthcha. Innsidh Ruairidh MacIlleathain dhuinn dè bhiodh seo a' ciallachadh dha Aborigines a tha a' fuireachd ann an Astràilia.
Tha a chompanaidh Vauxhall air a 'Viva' a thoirt air ais, car cliùteach a chaidh a thogail an toiseach ann an 1963. Bruidhinnidh sinn ri trùir aig an robh eòlas air a Viva agus seann chàraichean eile, a chòrdadh e riutha tilleadh.
Last on
Clip
![]()
Coinneach MacÌomhair: Seann chàraichean
Duration: 14:17
Broadcasts
- Thu 16 Jul 201509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 16 Jul 201522:10BBC Radio nan Gàidheal
