05/07/2015
Anns an litir aig Ruaraidh gheibh sinn sgeulachd bho bheul-aithris na Cumraigh. Another story from Ruairidh.
Last on
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 529
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 833
Duration: 05:00
Litir 833: Mabinogion - Pàirt 2
Bha mi ag innse dhuibh mun turas agam don Chuimrigh, agus mun t-seann sgeulachd ‘Math Mac Mhathonwy’ a bhuineas do na Mabinogion. Rugadh dithis leanabh do dh’Arianrhod – Dylan (fear a’ chuain) agus fear eile air nach robh ainm. Dh’fhàs an dàrna gille mòr is tapaidh. Latha a bha seo, bha bràthair Arianrhod, Gwydion, a’ dèanamh air caisteal a pheathar, Caer Arianrhod. Bha an dùn sin ri taobh a’ chladaich.
Lean an gille air. Nuair a ràinig iad an caisteal, thuirt Arianrhod, ‘Cò e an gille seo?’
‘Do mhac fhèin,’ fhreagair Gwydion. Bha Arianrhod mì-thoilichte gun tuirt e sin. Bha nàire oirre nach robh i na h-òigh tuilleadh. ‘Dè an t-ainm a th’ air?’ ars ise.
‘Chan eil ainm air fhathast,’ dh’aidich Gwydion.
‘Agus chan fhaigh e ainm,’ thuirt Arianrhod, ‘mura toir mi fhìn ainm dha.’
Bha fearg air Gwydion agus dh’fhalbh e leis a’ ghille. Rinn iad bàta draoidheil le feamainn. Ghabh iad riochd ghreusaichean orra fhèin. Rinn iad air Caer Arianrhod anns a’ bhàta.
Chuir Arianrhod teachdairean a dh’ionnsaigh a’ bhàta. Thill iad don dùn aice agus dh’inns iad dhì gur e greusaichean a bh’ air bòrd.
‘Ma-thà,’ arsa Arianrhod, ‘thoiribh tomhas meud mo chasan dhaibh. Iarraibh orra brògan a dhèanamh dhomh.’
Rinn Gwydion na brògan. Ach rinn e ro mhòr iad a dh’aona-ghnothach.
‘Tha iad ro mhòr,’ thuirt Arianrhod nuair a dh’fheuch i oirr’ iad. ‘Iarraibh air na greusaichean brògan nas lugha a dhèanamh dhomh.’
An turas seo, rinn Gwydion paidhir eile dhi a bha ro bheag. Thill na teachdairean a dh’innse dha gun robh iad ro bheag.
‘Uill, cha dèan mi paidhir eile dhi gus am faic mi a casan le mo shùilean fhèin,’ thuirt Gwydion.
Thàinig Arianrhod chun a’ bhàta. ‘Latha math dhut,’ thuirt Gwydion. Cha do dh’aithnich Arianrhod e. Aig a’ mhionaid sin, nochd dreathan-donn. Thilg an gille òg clach air. Bhuail a’ chlach an dreathan-donn eadar fèith-lùthaidh agus cnàimh.
‘Gu dearbh, ’s ann aig Lleu, an gille bàn sin, a tha làmh sgileil,’ ars Arianrhod.
‘’S ann,’ dh’aontaich Gwydion, ‘agus tha thu air ainm a thoirt dha ge b’ oil leat. Is esan Lleu Llaw Gyffes, an “gille bàn le làmh sgileil”.’
Leis na faclan sin, dh’fhalbh an draoidheachd agus dh’fhalbh am bàta. Na h-àite cha robh ann ach feamainn a’ chladaich. Bha an dreach tùsail air Gwydion agus air Lleu. Bha Lleu gu bhith ainmeil. Aig a’ cheann thall, dh’èirich e gu bhith na mhòr-mhaor air Gwynedd.
Taobh a-staigh ceithir cilemeatair de chladach na Cuimrigh, tha àiteachan ann a tha ag ainmeachadh Dylan, Lleu agus Arianrhod. Agus tha baile-fearainn faisg air làimh air a bheil ‘Bryn Gwydion’ cuideachd – sin Cnoc Ghwydion.
Tha Dylan air a chuimhneachadh ann an carraig mhòr air a’ chladach air a bheil Maen Dylan. Gu tuath air sin, tha seann dùn os cionn na tràghad air a bheil Dinas Dinlle. Tha sin a’ ciallachadh Dùn Lleu. Sin, a rèir an sgeòil, far an deach a thogail an dèidh dha ainm fhaighinn.
Agus a-muigh aig muir, chithear clachan aig ìsle-mhara air a bheil Caer Arianrhod. Anns na mìle bliadhna mu dheireadh, tha a’ mhuir air an seann dùn aig Arianrhod a shlugadh. Ach chithear fhathast e. Tha e a’ toirt na sgeulachd ‘Math Mac Mhathonwy’ beò do Chuimrich an latha an-diugh.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: tapaidh: well-built; paidhir: pair; draoidheachd: magic; geàrr-chunntas: summary; mòr-mhaor: regional leader; carraig: rock; ìsle-mhara: low-tide.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Rugadh dithis leanabh do X: X gave birth to two babies; fear eile air nach robh ainm: another that was unnamed; caisteal a pheathar: his sister’s castle; bha nàire oirre nach robh i na h-òigh tuilleadh: she was ashamed that she was no longer a virgin; chan fhaigh e ainm mura toir mi fhìn ainm dha: he won’t get a name unless I give him one; rinn iad bàta draoidheil le feamainn: they made a magic boat with seaweed; chuir X teachdairean a dh’ionnsaigh a’ bhàta: X sent messengers to the boat; thoiribh tomhas meud mo chasan dhaibh: give them my foot measurements; iarraibh orra brògan a dhèanamh dhomh: ask them to make me shoes; rinn e ro mhòr iad a dh’aona-ghnothach: he deliberately made them too big; gus am faic mi a casan le mo shùilean fhèin: until I see her feet with my own eyes; latha math dhut: good day to you; thilg an gille òg clach air: the young lad threw a stone at it; bhuail a’ chlach an dreathan-donn eadar fèith-lùthaidh agus cnàimh: the stone hit the wren between tendon and bone; ’s ann aig Lleu, an gille bàn sin, a tha làmh sgileil: Lleu, that fair-haired boy, has a skilful hand; tha thu air ainm a thoirt dha ge b’ oil leat: you’ve given him a name, despite yourself; bha X gu bhith ainmeil: X was to become famous; aig a’ cheann thall: eventually; dh’èirich e gu bhith na mhòr-mhaor air X: he rose to become leader of X; tha baile-fearainn faisg air làimh air a bheil: there is a farm nearby called; os cionn na tràghad: above the beach; tha a’ mhuir air an t-seann dùn a shlugadh: the sea has swallowed up the old fort; chithear fhathast e: it can [will] still be seen.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: nuair a dh’fheuch i oirr’ iad: when she tried them on [her]. There is a convention concerning adjacent words, the first of which ends in a vowel, the second of which starts with a vowel, to avoid two adjacent vowels. It is that we replace the first vowel with an apostrophe (thus oirre becomes oirr’). This can be very useful for reading a script as we tend to elide the vowels in speech in that way.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: Ghabh iad riochd ghreusaichean orra fhèin: they took on the appearance (disguised themselves) of shoemakers.
Broadcasts
- Sun 5 Jul 201522:28BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Jul 201523:00BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.






