
02/07/2015
An-diugh tha Coinneach ann an Jersey far a bheil Geamaichean nan Eilean gan cumail am bliadhna. Live from the Island Games in Jersey.
Tha Coinneach ann an Jersey far a bheil Geamaichean nan Eilean gan cumail am bliadhna.
An-diugh tha e a' tadhal air Hohlgangsanlage 8 - ospadal agus tunailean fo thalamh a thog na Gearmailtich air an eilean aig àm an Dara Cogaidh. Na chois, tha Calum Murdo MacChoinnich agus Iain Mac Phàil, 's iad a' ruith air sgeulachd nan eileanach tron chogadh.
Bidh iad cuideachd a' tadhal air tac far a bheil am buntata ainmeal, Jersey Royal, ga fhàs. Tha eachdraidh na Jersey Royals a' dol air ais 130 bliadhna agus tha iad nam pàirt mhòr de dhualchas an eilein. Tha mu 35,000 tonna dhiubh ga reic air feadh an t-saoghail gach bliadhna.
Sin agus naidheachdan bho Geamaichean nan Eilean bho luchd spòrs agus feadhainn eile a bhios a' tadhal air Coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 2 Jul 201509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 2 Jul 201521:13BBC Radio nan Gàidheal