
Còmhla ri Iain Moireasdan
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport with John Morrison.
Iain Moireasdan le sùil air adhart chun chiad Chuairt Dheireannaich mhòr de sheusan an iomain, Cupa MhicThàmhais, le Bail' Ùr an t-Slèibhe agus Gleann Urchadan a' farpais airson a' chupa. Ann am ball-coise tha geama cudromach aig Sgioba na h-Alba a tha a' coinneachadh ri Pòblachd na h-Eireann san ath ghèam dearbhaidh airson farpais Euro 2016. Tha Cuairt Dheireannach Cupa Jock Stein eadar sgiobaidhean An Taobh Siar agus An Rubha ann an Leòdhas, agus geamannan ann an Uibhist is Barraigh 's ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse. Tha Rèis Baidhsagal nam Ban an ceann a deas Shasainn agus na Geamannan Eòrpach a' toiseachadh ann am Baku. Gheibh sinn beachd air na spòrsan sin uile.
