
Episode 2
Dòmhnall Màrtainn a' coimhead air ais air làithean tràth Chomhairle nan Eilean. Marking 40 years of Comhairle nan Eilean, with Donald Martin recalling the early days of the council.
Chaidh Comhairle nan Eilean a chruthachadh ann a 1975 às dèidh ath-òrdachadh air riaghladh ionadail agus nàiseanta a bha a' toirt na h-eileanan an iar gu lèir fon aon riaghladh. Fon an t-seann structair anns na h-eileanan bha naoi comhairlean ionadail le cumhachdan eadar-dhealaichte sna h-eileanan. B' iad Siorrachd Inbhir Nis agus na comhairlean sgìreil a bha a' stiùireadh ghnothaichean anns Na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, agus am Barraigh. Bha Siorrachd Rois is Chrombaidh, Comhairle Sgìreil Leòdhais agus Comhairle Baile Steòrnabhaigh a' riochdachadh chùisean ann a Leòdhas. Ri linn na bha ri dhèanamh bha 1974 mar bhliadhna uallachaidh airson an dreach ùr a bha seo a thoirt gu bith.
Anns an dà phrògram tha seo tha Dòmhnall Màrtainn, a bha còrr air fichead bliadhna ri obair rianachd sa chomhairle, air a bhith a' rùileach tro thasglann Radio nan Gàidheal, neo Radio nan Eilean mar a bh' ann an uair sin, ag èisteachd ri na chaidh a chlàradh agus a chraoladh mun chomhairle sna bliadhnaichean tràth sin, a' tòiseachadh ann a 1974 agus a' ruighinn 1986. Le bhith 'g èisteachd, agus a' cur eòlas fhèin ris na chuala e, tha e a' toirt dhuinn dealbh smaoineachail air mar a bha an suidheachadh aig an àm, air an fheadhainn a bha air a' chomhairle agus air na chuir iad romhpa a dhèanamh le na cumhachdan ùra a bh' aca.
Last on
More episodes
Previous
Next
You are at the last episode
See all episodes from Comhairle nan Eilean @40 - Na Làithean Tràth
Broadcasts
- Thu 28 May 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 28 May 201522:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 31 May 201509:31BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Dec 201508:30BBC Radio nan Gàidheal