
Episode 8
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Jamie Mac a' Ghobhainn agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil agus bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week he chats to Jamie Smith about his Gaelic learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
Clips
![]()
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 8
Duration: 54:53
![]()
Tar-sgrìobhadh: Ainm Eile: Neilina
Duration: 01:31
![]()
Tar-sgrìobhadh: Ainm Eile: Robina
Duration: 01:46
![]()
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na Seachdain
Duration: 21:21
Tar-sgrìobhadh: Eileanan Beaga: Lios Mòr
Eàirdsidh MacColla agus Donnchadh MacDhunleibhe ann an còmhradh ri Cailean MacIlleathain agus Aonghas Phàdraig Caimbeul
Eàirdsidh: Bha seo, bha e ainmeil airson togail bhàtaichean anns a’ chriomain ’s e tha seo. Agus bha uamh air an taobh eile de Lios Mòr, bha iad a’ togail bhàtaichean an sin cuideachd. Ged a bha an uamh, fhios agad, an àird bràigh a’ chladaich, bha iad a’ togail nam bàtaichean san uamh, agus bha iad an sin gan cur a-mach air a’ mhuir.
Cailean: Agus an robh teaghlaichean sònraichte co-cheangailte ris an obair sin?
Eàirdsidh: Bha, na Conallaich, bha iadsan ainmeil airson togail bhàtaichean, agus Clann Chaluim, bha iadsan cuideachd ainmeil airson togail bhàtaichean. Bha na Conallaich is Clann Chaluim, bha iad a’ fuireach dìreach mu leth-mhìle bho seo.
Cailean: Agus rud eile a bha ainmeil mu Lios Mòr, ’s e obair an aoil. An inns’ thu dhuinn beagan mun sin Eàirdsidh?
Eàirdsidh: Uill tha, ’s e Lios Mòr, ’s e clach aoil a th’ ann air fad. Leis a sin, bha iad a’ losgadh an aoil anns na h-àthachan, agus bha iad ga chur suas, nuair a bha iad ag obair air a’ chanàl suas, an Caledonian Canal, ’s e aoil Lios Mòr a bha iad ga ùisneachadh airson, fhios agad, ga ùisneachadh na cement. Agus bha iad ga ùisneachadh airson togail taighean cuideachd, agus air an fhearann. Bha iad ga sgaoileadh air an fhearann airson math a’ ghrunnd cuideachd.
Cailean: Agus cuin a sguir an obair sin?
Eàirdsidh: Sguir an obair sin ann an 1932, an àth-aoil mu dheireadh. Bha m’ athair, bha e ag obair anns an àth-aoil sin. Bhiodh e a’ cairtearachd aoil a-mach às an t- Sailean san àm sin.
Cailean: Agus ’s e àthchannan a chanadh sibhse ri àthannan.
Eàirdsidh: Na h-àthachan aoil!
Cailean: Na h-àthachan.
Eàirdsidh: Aye.
Cailean: Na h-àthachan. Agus, an robh na h-àthachan mar a chanas sibh pèin an seo ann an Lios Mòr, an robh iad pailt? An robh mòran dhiubh ann ann an Lios Mòr?
Eàirdsidh: Bha. Bha naoi, uill, dad ort, bha naoi....naoi, deich, bha deich ann an Lios Mòr cho fad ’s as fhiosraich mi, agus bha....an robh trì air Eilean nan Caorach?
Donnchadh: Tha trì air Eilean nan Caorach.
Eàirdsidh: A bheil?
Donnchadh: Tha, cha chreid mi nach eil. Tha trì air Eilean nan Caorach. Tha sin an t-eilean dìreach, far an tig sibh far an aiseig. An t-eilean beag a tha dìreach taobh tuath do Lios Mòr. Bha trì àthachan an sin. Bha cuaraidh is trì àthachan an sin.
Cailean : Agus an robh mòran a’ faighinn obair chunbhalach an sin?
Donnchadh: Oh bha. Uill, bha an fheadhainn a bha ag obair leis a’ chuaraidh, agus bha an fheadhainn eile a bha a’ bristeadh a’ chlach, agus bha an fheadhainn eile a’ cairteachd a’ chlach chun an àtha, bha an fheadhainn a bha a’ cumail an àtha air theas. Bha an fheadhainn eile a bha a’ toirt an aoil a-mach às an àtha. Agus bha an fheadhainn eile a bha a’ luchdachadh nam bàtaichean a bha aig a’ chidhe. Bha dòrlach math dhaoine ag obair.
Aonghas Phàdraig: Tha Gàidhlig agaibh ann an Lios Mòr nach eil aig duine sam bith eile san t-saoghal idir idir.
Eàirdsidh: Nach math sin fhèin!
Aonghas Phàdraig: Nach math sin fhèin! Is d’ fhiach sin air a son sin fhèin!
Donnchadh: Gàidhlig math Argyll!
Aonghas Phàdraig: Gu dearbh!
Donnchadh: Chan eil mi “keen” air Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich......
Tar-sgrìobhadh: Ainm Eile: Neilina
Neilina: Neilina, fhuair mise m’ ainm o m’ sheanair agus o m’ sheanmhair. Bha mo sheanair, ’s e Neil a bh’ air, agus mo sheanmhair, ’s e Alecina a bh’ oirre. Cha robh e a’ còrdadh uabhasach math rium nuair a bha mi òg gun teagamh, ach ’s e Neillie a bhiodh iad ag èigheachd dhomh, cha robh mi uabhasach titheach air Neilina. Ach, ’s fheàrr leam Neilina a-niste seach Neillie.
Angela: Inns’ dhomh a-nist’, ciamar a tha sibh a’ litreachadh an t-ainm agaibh?
Neilina: ’S e N-E-I-L-I-N-A a tha mi fhìn ga litreachadh, ach fhuair mi am birth certificate agam nuair a, mun do phòs mi, agus nuair a thug mi sùil air a sin, ’s e N-E-L-L-I-N-A a tha sgrìobhte air, ach tha mi still a’ dol a chumail ris an rud a bh’ agam fhìn.
Angela: An robh an t-ainm agaibh na dhuilgheadas do dhaoine sam bith eile, ’s dòcha daoine nach robh eòlach air a bhith a’ cluinntinn an t-ainm sin?
Neilina: Bha, gu h-araid nuair a bha mi air falbh an Glaschu, nuair a bha mi ag obair an Glaschu. Bha mi ag obair ann an àite far an robh tòrr oileanaich, agus bha iadsan a’ faighinn doirbh m’ ainm, faighinn timcheall air. Agus tè a bha ag obair còmhla rium à Èirisgeigh, rinn i mach gun canadh i gur e Linda a bh’ orm. So ’s e Linda a bha orm fad bliadhna ann an Glaschu, agus nuair a thachras i orm fhathast, ’s e Linda a bheir i orm fhathast.
Angela: Cha do smaoinich sibh air an t-ainm agaibh atharrachadh gu Linda ma-thà?
Neilina: Oh cha do smaoinich. ’S fheàrr leam Neilina seach Linda.
Tar-sgrìobhadh: Ainm Eile: Robina
Angela: Chan e ainm cumanta a th’ ann an Rob anns na Hearadh.
Robina: Uill, chan e, ach bha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn sin, is tha mi air caran smaoineachadh mu dheidhinn triùir neo cheathrar 's dòcha muigh rathad an Tairbeart air a bheil Rob. Chan eil cho fad ’s as aithne dhomh, cha robh duine caran ceann a deas na Hearadh air an robh Rob dha na daoine a bhuineadh dha na Hearadh fhèin. Ach, bha feadhainn air an Tairbeart.
Angela: Nist’, an robh sibh fhèin toilichte gu leòr leis an t-ainm Robina? ’S e ainm caran annasach a th’ ann, chan eil e cumanta a bharrachd.
Robina: Cha do smaoinich mi riamh mu dheidhinn! Chan e rud a bh’ ann a chur dragh sam bith orm. Gun teagamh, cha b’ aithne dhò mhsa, cha chuala mi riamh mu dheidhinn duine air an robh Robina anns na Hearadh, ach aon bhoireannach eile a bha a’ fuireach a-mach às an Tairbeart. Ach, tha mi air an t-ainm fhaicinn ann am pàipear an-dràsta is a-rithist. Chan eil tric. Nuair a bha mi a’ teagasg ann an Glaschu, bha nighean bheag às Pagastàn anns an sgoil, ’s e Robina a’ chiad ainm a bh’ oirrese.
Angela: Agus, an robh fear aicese air an litreachadh eadar-dhealaichte bhon fhear agaibhse?
Robina: Uill, chan urrainn dhomh ràdh. Chan fhaca mi an t-ainm aicese sgrìobhte idir. ’S e I-N-A a tha aig deireadh an ainm agamsa, is uaireannan bhiodh daoine ga ghabhail mar Robina (le I làidir), nuair a chì iad e can airson a’ chiad turas. So dh’fheumainn an cur ceart a ràdh riutha, “Chan e, Robina (le I nas socraiche) a bh’ ann.”
Glè thric, ’s e Ribena a gheibhinn cuideachd. Tha cuimhn' a’m nuair a bha mi anns a’ bhun-sgoil, thàinig nighean a bha san sgoil còmhla rium, thàinig I far an robh mi aon latha is thuirt i, “Chunnaic mise an t-ainm agad ann am magazine.” Agus sheall i dhomh e, agus ’s e a bh’ ann ach sanas airson botal ribena!
Oisean a' Ghràmair 8 : AN ANN? - ’S ANN - CHAN ANN
Cò às a tha sibh uile?
An ann à Glaschu? An ann à Dùn Èideann?
An ann à Dun Dèagh no Peairt?
An ann às a’ Ghàidhealtachd a tha sibh? An ann às na h-Eileanan Siar?
Càite bheil sibh an-dràsta?
An ann aig an taigh? An ann san oifis?
An ann san leabaidh, no a’ siubhal anns a’ chàr?
No an ann ann an cafaidh a tha sibh?
An ann ag èisteachd gu dlùth a tha sibh?
An ann a’ tuiteam nur cadal a tha sibh? (Tha mi ’n dòchas nach ann!)
An ann às a’ Ghaidhealtachd a tha sibh?
’S ann, ’s ann à Earra Ghàidheal a tha mi.
Chan ann idir, ’s ann à Obair Dheadhain a tha mise.
An ann aig an taigh a tha sibh an-dràsta?
’S ann, ’s ann aig an taigh a tha mi, agus tha mi fhathast san leabaidh.
Chan ann, chan ann aig an taigh, ach ann an cafaidh.
An ann a’ tuiteam nur cadal a tha sibh?
Chan ann, gu dearbh! Tha mi na mo làn dhùisg agus ag èisteachd gu dlùth!
(‘I’m wide awake and listening very carefully!’)
’S ANN, no CHAN ANN, agus a’ cheist AN ANN:
- a’ cur cuideam air pàirt de sheantans, (emphasising part of a sentence)
- a’ dearbhadh no ag àicheadh pàirt de sheantans. (confirming or negating, yes/no)
Eisimpleirean eile:
An ann às do chiall a tha thu? Are you out of your mind?
An ann faisg air a’ chaisteal a tha an taigh-bìdh? ‘Is the restaurant near the castle?’
An ann gorm is geal a tha bratach na Suaine, no dearg is geal?
Chan eil i gorm is geal, no dearg is geal – ’ sann gorm is buidhe a tha bratach na Suaine.
A bheil thu às do chiall? ‘Are you out of your mind?’
An ann às do chiall a tha thu? ‘Is it out of your mind that you are?’
An ann a’ cur cuideam air an abairt às do chiall.
A bheil an taigh-bìdh faisg air a’ chaisteal? ‘Is the restaurant near the castle?’
An ann faisg air a’ chaisteal a tha an taigh-bìdh? ‘Is near the castle the restaurant is?’
An ann a’ cur cuideam air an abairt faisg air a’ chaisteal.
A bheil bratach na Suaine gorm is geal? ‘Is the Swedish flag blue and white?’
An ann gorm is geal a tha bratach na Suaine? ‘Is it blue and white the Swedish flag is?’
An ann a’ cur cuideam air an abairt gorm is geal.
Eisimpleirean eile:
An sgrìobh mi thugaibhse? ‘Will I / Do I write to you?’
An ann thugaibhse a sgrìobhas mi? = ‘Is it to you I write, Is it you I write to?’
An ann a’ cur cuideam air an fhacal thugaibhse.’to you’
Rugadh mi an Ìle. ‘I was born in Islay.’
’S ann an Ìle a rugadh mi. ‘It’s in Islay I was born.’
’S ann a’ cur cuideam air an abairt an Ìle, ‘in Islay’
Bhruidhinn mi rithese an toiseach. ‘I spoke to her first.’,
’S ann rithese a bhruidhinn mi an toiseach. ‘It’s to her I spoke first.’
’S ann a’ cur cuideam air an fhacal rithese ‘to her’
An ann an-dè a bha sin? ‘Was that yesterday?’
Cha b’ ann, ach a’ bhon-dè. ‘No, two days ago.’
An ann leatsa a tha an cù? ‘Is the dog yours?’ (Faic Criomag Gràmair 5)
PUING A BHARRACHD: AN E? - ’S E - CHAN E
Le ainmear (no le mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad): An e? ’S e Chan e.
Mar sin:
An ann ann an cafaidh a tha thu an-dràsta? ‘Is it in a café you are?’
Ach:
An e cofaidh tha thu ag iarraidh? ‘Is it coffee you want?’
’S e, cofaidh geal, mas e do thoil e.
An ann air a’ chàr sin a chunnaic thu bratach na Suaine?
‘Is it on that car you saw the Swedish flag?’
Ach:
An e bratach na Suaine a tha mi a’ faicinn air a’ chàr sin?
Is it the Swedish flag I can see on that car?’
Chan e, ach bratach na Danmhairg.
An ann ri Màiri a bha sibh a’ bruidhinn?
‘Is it to Mairi you were speaking?’
Ach:
An e Màiri a bhruidhinn ribh?
‘Was it Mairi who spoke to you?’
An ann dhutsa a thug iad am parsail?
‘Is it to you they gave the parcel?’
Ach:
An e thusa a thubhairt sin?
‘Was it you who said that?’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 10 May 201521:29BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 May 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 May 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 May 201510:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Aug 201521:31BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Aug 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Aug 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Aug 201510:29BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Feb 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 24 Feb 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 24 Feb 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Feb 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.


