Main content

Episode 5

Episode 5 of 30

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

An t-seachdainsa tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Anke Beate-Stahl agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne a' mìneachadh puingean gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week he chats to Gaelic learner Anke Beate-Stahl. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

1 hour

Last on

Sun 7 Feb 202110:30

Tar-sgrìobhadh: Cluas ri Claisneachd: Ailean Peutan

Ailean: ’S e baile trang, trang a bh’ ann an Tobar Mhoire nuair a bha mise òg, agus bha an 'distillery' anabarrach trang aig an àm a bha sin, agus bha mòran a’ faodainn an cosnadh anns an 'distillery'.
Agus bha bàtaichean-iasgaich a’ tighinn a-staigh, iasgairean a’ tighinn a-staigh le giomaich agus bradan agus sgadan, agus a h-uile seòrsa iasg a b’ urrainn duine ainmeachadh.
Tha cuimhne agams’ air tràlair a’ tighinn a-staigh cuideachd le iasg, agus gheibheadh sibh trosg mòr airson tastan aig an àm a bha sin. Agus ’s iomadh trosg a fhuair sinn ceart gu leòr.
Agus bhiodh sinn fhèin a’ dol a-mach ag iasgach feasgaran samhraidh. Tha sgeirean beag a-null nas fhaisge ri Àird nam Murchan, agus bhiodh sinn ag iasgach an sin. Agus bha e sònraichte math airson iasgach. Rionnach agus a h-uile seòrsa iasg a ghabhadh bruidhinn air, bha sinn a’ faighinn an sin.
Agus, an oidhche as fheàrr a bh’ agam riamh, bha sinn ag obair shuas a’ saorsainneachd air taigh beag ceann shuas Loch Suaineart. Agus thàinig an 'ghillie' aig an uachdaran far an robh sinn an oidhche seo agus thuirt e, "A bheil sibh a’ tighinn a dh’iasgach? Am bu mhath leibh a’ tighinn a dh’iasgach?"
“Oh, bu ghasta leinn a’ dol a dh’iasgach.”
Agus, dh’fhalbh feadhainn againn a dh’iasgach. Agus, bha an uachdaran e fhèin a-staigh sa bhàta cuideachd, is mhothaich mise gun robh an 'ghillie' aige a’ cur pìos de phlaideachan mun cuairt air na ràimh, agus blades nan ràimh. Agus thuirt mi ris, “A Dhòmhnaill, chan fhaca mi duine a’ dèanamh sin riamh. Carson a tha sin?”
Bha airson ’s nach cluinneadh duine sam bith na ràimh anns an uisge. Agus dh’fhalbh sinn, chaidh sinne suas, agus thog an uachdaran a-mach fìdeag, agus shèid e an fhìdeag.
Oh...chì sibh, chunnaic sibh, bha iad a’ falbh cho luath ’s a ghabhadh i. Mhothaich esan bàta, chunnaic e neo chuala e bàta eile ag iomradh agus shèid e an fhìdeag airson ’s gun teicheadh iadsan is nach fhaiceadh iad esan ged a bha an t-iasg aige air a “lettadh” bha e airson oidhche a thoirt dhuinn agus ’s e duine uasal gasta a bh’ ann. Newton Rahoy, ’s e duine gasta, Commander Newton.

Tar-sgrìobhadh: Eadar Dà Shaoghal: Dòmhnall MacLeòid

“Woof”, arsa Queen, is i na laighe air a cuid pocannan aig an doras cùil. Bha i na leth cadal is cha do chuir an rud a dh'idir i mòran dragh oirre.
Bha e beagan às dèidh tràth-diathad. Bha mo mhàthair a’ càradh stocainnean is Antaidh Chris a’ fighe. Antaidh Cairistiona le dealgan. Mo sheanmhair anns an rùm a-staigh, is m’ athair còmhla rithe anns an t-sèithear mhòr a’ leughadh pàipearan Dhisathairn'. Bhathar air ruighinn Dimàirt.
Chuala sinn ceum air an staran, is chuala sinn guth Dhànaidh Chamshron.
“Hello”, ars esan, “parcel for you”, is thàinig e a-steach is chuir e am parsail air a’ bhòrd.
’S ann bho tìr-mòr Alba a bha Dànaidh Camshron is gun Ghàidhlig aige. Bha e a’ fuireach ann an taigh a’ phuist ann am Breàcleit. Mura b’ e postair a bh'air a bhith ann, bhiodh e air fear-naidheachd math a dhèanamh. Bha e math air naidheachdan a' sgaoileadh.
Chaidh mo mhàthair chun an dreasair, is thug i sporan dubh às, is chunnt i an airgead ann an làmh Dànaidh Camshron.
“Uill, ’s e JD”, arsa mo mhàthair, “cha robh dùil agamsa gun tigeadh seo gu an t-seachdain ’s a’ tighinn. Tha Oxendales math air seacaidean beag, ach chan eil duine cho math air brògan ri JD”.
Stiall i am pàipear bhon a’ pharsail, is thug i dhòmhsa am bucas. Thug mi mullach dheth, agus ann a shin, bha dà Lorne ghleansach dhubh. Bha iad cho grinn ri dà ornament a chuireadh tu air a’ mhantelpiece.
Ach bha làn fhios agamsa carson a bha na Lornes. Bha mise a’ dol dhan sgoil.

Tar-sgrìobhadh: Geur-chainnt: Alasdair MacLeòid

Alasdair MacLeòid: Bha. Thàinig e nam chuimhne an uair ud nuair a bha Eàirdsidh a’ bruidhinn air an dotair. Thàinig e a-muigh mu dheidhinn am bodach a bha san ospadal, agus co-dhiù, bha e an dèidh dùsgadh agus bha dìreach surgeon dìreach a’ tighinn a-staigh air an doras. Agus rinn e air an leabaidh aige.
Agus, “Uill”, ars esan, “Ciamar a tha thu a’ faireachdadh?”
“Oh, chan eil mi gu dona idir”, ars esan.
“Oh”, ars esan, “a bheil thu”, ars esan, “airson an naidheachd mhath neo an droch naidheachd a chluinntinn an toiseach?"
“Oh”, ars esan, “thoir dhomh”, ars esan, “an droch naidheachd an toiseach”.
Agus, “Oh uill” ars esan, “’S e an droch naidheachd”, ars esan, “gum b'fheudar dhuinn an dà chas a thoirt dhìot fon a’ ghlùin.”
“Oh...”, ars esan, “oh ma tha sin mar sin”, ars esan, “feumaidh mi a bhith leis”, ars esan. “Dè nise”, ars esan, “an naidheachd mhath a th’ agad dhomh”, ars esan.
“Uill”, ars esan, “fear anns an leabaidh ri do thaobh”, ars esan, “tha e an dèidh offer uabhasach math a thoirt dhuinn air na slippers agad!”

Oisean a’ Ghràmair 5: GETTING (passive action)

Faic Prògram 4, puing 3.


Chaidh an uinneag a bhriseadh. ‘The window got broken’
Chaidh an cù a bhualadh le càr. ‘The dog got hit by a car’
Thèid am prògram a chraoladh a-rithist. ‘The programme will get repeated.’
Chaidh mòran a ràdh ma dheidhinn aig an àm.  ‘Much was said about it at the time.’
Ach cha deach càil a dhèanamh. ‘But nothing got done.’
Thèid an taigh a reic. ‘The house will get sold.’
Thèid Dòmhnall a thoirt dhan ospadal feasgar.‘Donald will get taken to hospital this afternoon.’


Airson ‘I got taken / You got taken / He got taken / She got taken’, etc., cleachdaidh sinn:


mo ‘my’ do ‘your’ a ‘his/ her’
ar  ‘our’ ur ‘your’ (plural) an ‘their’


(Faicibh Sreath 1, Prògram 1.)


Chaidh mo thoirt dhan ospadal. ‘I was taken to hospital.’
Chaidh do thoirt… ‘You were taken…’
Chaidh a thoirt‘He was taken…’
Chaidh a toirt‘She was taken…’
Chaidh ar toirt ‘We were taken…’
Chaidh ur toirt‘You (pl.) were taken…’
Chaidh an toirt… ‘They were taken…’


Chaidh m’ fhàgail aig an stèisean. ‘I was left (dropped off) at the station.’
Chaidh d’ fhàgail ‘You were left…’
Chaidh fhàgail … ‘He was left…’
Chaidh a fàgail ‘She was left…’
Chaidh ar fàgail ‘We were left…’
Chaidh ur fàgail ‘You (pl.) were left…’
Chaidh am fàgail …  ‘They were left…’


‘I got hit by a car.’
Chaidh mo bhualadh le càr. (mo bhualadh: ‘my hitting’)


‘Did you get taken to hospital?’
An deach do thoirt dhan ospadal? (do thoirt: ‘your taking’)


He’ll get seen as soon as possible.’
Thèid fhaicinn cho luath ’s a ghabhas. ([a] fhaicinn: ‘his seeing’)


She’ll get seen as soon as possible.
Thèid a faicinn cho luath ’s a ghabhas. (a faicinn: ‘her seeing’)


‘We were saved by the bell’
Chaidh ar sàbhaladh leis a’ chlag. (ar sàbhaladh: ‘our saving’)


You’ll (all) get sent to the main office.’
Thèid ur cur dhan oifis mhòir. (ur cur: ‘your sending’)


They will all get named on the award.’
Thèid an ainmeachadh uile air an duais. (an ainmeachadh: ‘their naming’)

Abairt na Seachdain

An rud a th’ anns a’ mhàthair is gnàth leis a bhith san nighinn

Broadcasts

  • Sun 19 Apr 201521:31
  • Wed 22 Apr 201512:03
  • Wed 22 Apr 201522:00
  • Sun 26 Apr 201510:30
  • Sun 2 Aug 201521:30
  • Wed 5 Aug 201512:00
  • Wed 5 Aug 201522:00
  • Sun 9 Aug 201510:30
  • Sun 31 Jan 202121:30
  • Wed 3 Feb 202112:00
  • Wed 3 Feb 202122:00
  • Sun 7 Feb 202110:30

Podcast