
22/04/2015
An-diugh còmhradh ri màthraichean airson Mìos Nàiseanta C-Sections a' chomharrachadh. Speaking to mothers to mark the national c-sections month.
An-diugh tha sinn a' còmhradh ri triùir mhàthraichean airson Mìos Nàiseanta C-Sections a' chomharrachadh. Cò ris a tha C-section coltach an taca ri breith nàdarra? A bheil e a' toirt buaidh air an dàimh eadar màthair agus leanabh? A bheil beachdan dhaoine air clann a bhith gam breith mar seo air atharrachadh thairis nam bliadhnaichean?
Thig Donnie 'Dotaman' MacLeòid air a' phrògram airson innse dhuinn mun t-sreath ùr aig DIY le Donnie 's iad a' sireadh dhaoine airson pàirt a ghabhail anns a' phrògram.
Agus tha companaidh ann an Alba a' beachdachadh air inneal ATMs ùr a chruthachadh a leigeas le daoine làrach na corraig no smartphone a chleachdadh airson airgead fhaighinn a mach às. Tha Dòmhnaill Dòmhnallach a' mìneachadh dhuinn mar a bhios am bathar bog agus an teicneòlais ùr seo ag obrachadh. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Wed 22 Apr 201512:33BBC Radio nan Gàidheal