
22/04/2015
An-diugh tha sinn a' comharrachadh gu bheil ceud bliadhna ann bho sgrios-cinnidh Armenia. Marking 100 years since the Armenian genocide.
An-diugh a' chiad là de dh'Fhèis nam Meadhanan Ceilteach ann an Inbhirnis agus gheibh sinn blas air na tha gu bhith a' gabhail àite bho Iain Mac a' Ghobhainn, stiùiriche teicnigeach na Fèise.
Tha dealbhan air nochdadh bho'n charbad-fànais 'New Horizons' a tha a' dèanamh a shlighe gu mu thimcheall a' phlanaid Pluto airson a' chiad uair. Tha seo a-nis a ciallachadh gun deach carbad-fànais a chuir chun na naoi planaidean anns an rian-grèine. Tha Aonghas Dòmhnallach a' toirt iomradh air cuid dhiubh, 's e cuideachd ag innse dè na tha sinn air ionnsachadh bhon na sgrùdaidhean sin.
Tha sgeulachd inntinneach mu bhoireannach aois dhà dheug air fhichead a thuit na cadal agus a dhùisg a' smaoineachadh gur e caileag aois còig bliadhna deug a bh'innte a-rithist. Na'm b'e 's gun tachradh seo dhut, dè an aois a mhianaicheadh tu a bhith? Gheibh sinn beachdan bho thriùir.
Agus cluinnear bho Iain Mac a' Phearsain a tha a' cuimhneachadh air an sgrios-cinnidh ann an Armenia bho chionn ceud bliadhna air ais. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 22 Apr 201509:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Apr 201521:03BBC Radio nan Gàidheal