
07/04/2015
Air Mìos a' Ghiotàr tha sinn a' faighneachd cò a b' fheàrr riamh a chluich an ionnsramaid? We mark Guitar Month by asking: Who is the best musician to have played the instrument?
Tha Mìos a' Ghiotàr ga chomharrachadh anns a' Ghiblean gach bliadhna. An-diugh tha sinne a' bruidhinn ri triùir a tha gu math dèidheil air an ionnsramaid, Fiona NicChoinnich, Iain 'Spanish' MacAoidh agus Greg MacThòmais, airson am beachd fhaighinn air cò a b' fheàrr riamh a chluich an giotàr.
Tha Buidheann Slàinte an t-Saoghail air an-diugh a' chomharrachadh a-mach mar Latha Slàinte an t-Saoghail 2015. ' S e sàbhailteachd bìdh an teachdaireachd a th' aca am bliadhna agus iad airson sàbhailteachd agus slàinte a bhrosnachadh ann a bith a' dèiligeadh ri biadh fon t-shluagh-ghairm "From Farm to Plate" Tha Iain MacEachain à Roinn na h-Àrainneachd aig Comhairle nan Eilean Siar còmhla rinn le fios air sàbhailteachd bìdh.
Agus tha ceud bliadhna ann bho rugadh Billie Holiday, seinneadair agus sgrìobhadair a thug buaidh mhòr air saoghal Jazz. Tha Michelle NicDhòmhnaill air a bhith a' rannsachadh.
Last on
Broadcast
- Tue 7 Apr 201512:33BBC Radio nan Gàidheal