
10/04/2015
Prògram sònraichte a' toirt sùil air ais air cuid de na pròiseactan sgoile agaibh. Children's fun, features and music with Shona MacVicar.
Prògram sònraichte a' toirt sùil air ais air cuid de na pròiseactan sgoile air a bheil sibh air a bhith ag obair fad na bliadhna còmhla ri Shona.
Cluinnidh sinn bho Sgoilearan clas a còig à Bunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis ag innse mu dheidhinn na Lochlannaich, sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Glaschu gar toirt air turas dhan Na Speuran, pròiseact Sgoil Chairinis an Uibhist a Tuath mu dheidhinn a' chiad Chogadh agus bha clas a sia aig Bunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis ag ionnsachadh mu rud a tha bualadh oirnn uile - An Aimsir.
Cuideachd cluinnear mun phròiseact aig Clas a trì agus a ceithir aig Bunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air spuinneadairean, bha Clas ceithir agus còig bho Sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann a bha ag obair air druim-altachain agus neo- dhruim-altachain agus bha Clas a 6 ag obair air pròiseact mu na Bhictorianaich. Cuideachd, chan ann a mhàin tron latha a bhios cuid agaibh ag obair trang ach às dèidh na sgoile mar a fhuair sinn a-mach nuair a thadhal sinn air Sgoil Dhalabroig ann an Uibhist a Deas.
Last on
Broadcasts
- Fri 10 Apr 201514:03BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 11 Apr 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 29 May 201514:03BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 30 May 201512:03BBC Radio nan Gàidheal