
07/04/2015
A' toirt sùil air na tha ri dhèanamh anns a' ghàrradh agus earrach againn. A look at what gardeners are busy doing as we welcome spring.
Tha e 30 bliadhna bhon a chaidh càr an neach-iomairt nàiseantach Uilleam MacRàth a lorg air mòinteach Ghàidhealach 's e fhèin marbh na bhroinn. Bhon uair sin, 's iomadh sgeulachd, beachd 's fathann a chaidh a sgaoileadh mu dè a thachair dha, feadhainn dhiubh gu math connspaideach. Bidh sinn a' cùimhneachadh mar a thachair aig an àm agus a' cluinntinn mun ath-sgrùdadh a dh'fhaodadh fuasgladh a dhèanamh air a' chùis mu dheireadh thall.
'S e àm trang a th' ann do dhuine sam bith a tha an sàs ann an gàirneilearachd. le talamh ri ullachadh, obair-chàraidh ri dhèanamh 's sìol ri chur. Cluinnidh sinn bho fheadhainn a tha tric rin lorg sa ghàrradh 's na tha aca ri dhèanamh 'agsu earrach againn mu dheireadh thall.
Agus bidh sinn a' toirt sùil air caraid dhan h-uile gàirnealair, an seillean, 's a' faighinn a-mach mun obair luachmhor a tha iad a' dèanamh anns an àrainneachd 's de tha an lùib a bhith gan cumail.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 7 Apr 201509:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 7 Apr 201521:03BBC Radio nan Gàidheal