
03/04/2015
Tha Eoghann Stiùbhart air aoigheachd airson sùil a thoirt air naidheachdan na maidne. Ewan Stewart joins Cathy to review the morning's headlines.
Tha am prògram chloinne Thunderbirds a' tilleadh gu telebhisean a-màireach ach ann an dreach ùr dealbhaichte an àite na pupaidean air an robh sinn eòlach. Tha Lisa NicNèill, Ricky Hannaway agus Kirsty Alexander ag innse dè na prògraman chloinne a b'fheàrr leotha fhèin a bhi a' coimhead nuair a bha iad beag.
Tha Maggie Nic a' Ghobhainn ag innse beagan mun bhuidheann ealan a tha stèidhichte ann an Leòdhas, ''Cabraich''. Thairis air an t-Sàmhradh-sa tha iad a' cumail Oidhche na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan nan eileanan agus tha iad an dòchas luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus taic a thoirt do bhuidhnean saor-thoileach.
Agus tha Eoghann Stiùbhart air aoigheachd aig Cathy fad a' phrògram airson sùil a thoirt air naidheachdan na maidne.
Last on
Broadcast
- Fri 3 Apr 201512:33BBC Radio nan Gàidheal