Main content
Sorry, this episode is not currently available

Clann-nighean Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill, le guthan seinn a ghlac aire a' mhòr-shluaigh. Ballantrushal's MacDonald sisters, whose singing attracted interest far and wide.

Tha mòran againn air cluinntinn mu na Peathraichean Dòmhnallach à Siadair air taobh Siar Eilean Leòdhais agus air eòlas a chur air an cuid seinn fad is farsaing. Ann an ceann eile na sgìre, ann am Baile an Truiseil, bha teaghlach eile de pheathraichean Dòmhnallach, an teaghlach aig Aonghas Mhurchaidh Dhòmhnaill agus bha an t-seinn ri chluinntinn gu bitheanta san dachaigh acasan cuideachd.

Eadar meadhan na leth-cheudan gu toiseach na seachdadan chaidh an t-uabhas chlàraidhean a dhèanamh de theaghlach Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill nan dachaigh ann am Baile an Truiseil le Sgoil Eòlais na h-Alba. 'S e dàin spioradail agus sailm a bh' anns a' chuid is motha de na clàraidhean. B' e an rud a b' annasaiche aig an àm gur e teaghlach de cheathrar chlann-nighean a bha os cionn na seinn: Peigi Anna, Murdina, Ceiteag is Oighrig, le Murdina mar bu trice a' cur a-mach na loidhne.

Bha agus tha fhathast cuid dhen t-seinn a chaidh a chlàradh ann an Taigh Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill tarraingeach do luchd-ciùil cliùiteach air feadh an t-saoghail - nam measg an neach-ciùil Martyn Bennett nach maireann, agus buidhnean dràma eadar-nàiseanta mar Voice of the Goat.

Anns a' phrògram seo cluinnidh sinn eisimpleirean de chuid de na clàraidhean a chaidh a thogail ann an Taigh Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill aig 24 Baile an Truiseil. Tha Morag NicLeòid à Sgalpaigh a' cuimhneachadh air an iomadh turas a thadhail ise air an taigh nuair a bha i ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba agus cluinnidh sinn mun bhuaidh a bh' aig an t-seinn aig peathraichean Dòmhnallach Bhaile an Truiseil air seinneadairean agus luchd-ciùil eile.

31 minutes

Last on

Sun 3 Sep 202321:00

Broadcasts

  • Mon 30 Mar 201512:03
  • Mon 30 Mar 201522:00
  • Sun 5 Apr 201513:00
  • Thu 13 Dec 201812:00
  • Thu 13 Dec 201822:00
  • Sun 16 Dec 201809:33
  • Sun 26 Sep 202121:00
  • Sun 3 Sep 202321:00