
30/03/2015
An t-seachdain seo 'se Niall Iain Dòmhnallach a tha ann an cathair Choinnich. bbc.co.uk/coinneach. Niall Iain MacDonald stands in for Kenny Maciver.
An t-seachdain seo 'se Niall Iain Dòmhnallach a tha ann an cathair Choinnich.
Am measg na tha air chlàr aige an-diugh tha e a' foighneachd do thriùir dè a' bhuaidh a tha solas an latha a' toirt air ar beatha agus an cleoc a-nis air a dhol air thoiseach uair a thìde.
Cuideachd tha Bob Macleòid a' toirt luaidh air na heileacoptaran Sea Kings aig Feachd an Adhair agus an Cabhlach Rioghail agus iad a' tighinn gu deireadh am beatha air a' mhìos seo fhèin. Thèid heileacoptairean ùra a chuir nan àite le companaidh Ameireaganach ann an cùmhnant luach £1.6bn not agus a mhaireas deich bliadhna.
Tha Dòmhnall Macleòid a' mìneachadh rannsachadh a tha a' radh ma tha thu dà-chànanach gu bheil diofar pearsantachd agad airson gach cànan nuair a tha thu gam bruidhinn. Tha Sandy Jones a tha eòlach air diofar chànain agus Andreas Wolff a tha fileanta ann an iomadh cànan a' toirt beachd air an rannsachadh.
Agus ann an litir bho thall thairis an t-seachdain seo tha Crisdean Stromsdorfer ag innse na tha anns na naidheachdan anns a' Ghearmaillt an dràsta. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Mon 30 Mar 201509:03BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 30 Mar 201521:03BBC Radio nan Gàidheal