
Gàrradh Ola Àranais 1/2
A' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla ri chèile a-rithist. An-diugh Gàrradh Ola Àranais. A reunion with former employees of Arnish Oil Yard.
Sreath a tha a' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla ri chèile a-rithist. Anns a' phrògram seo tha Tom MacIomhair a' toirt ceathrar a bha ag obair ann an gnìomhachas na h-ola aig Gàrradh Àranais, air taobh thall a' bhàigh bho bhaile Steòrnabhaigh, air ais còmhla a-rithist.
'S iadsan Dan Moireach, Ailean MacMhathain, Murdigan MacLeòid agus Iain MacFhionghain.
Tha iad a' meòrachadh air na làithean a bha iad ag obair anns a'ghàrradh aig àm an uair a bha an gnìomhachas aig a h-àirde anns na seachdadan agus na h-ochdadan. Bha sin an uair a bha an clàr ola, an Drillmaster, a-staigh ann am bàgh Ghlumaig agus soitheach mòr a-staigh ri cidhe Ghlumaig, mar àite-fuirich dha na bha do choigrich ag obair sa Ghàrradh.
B' e companaidh à Nirribhidh Fred Olsen a dh'fhosgail an gàrradh an toiseach agus anns a' bhliadhna ceithir fichead 's a dhà ghabh companaidh Duitseach, Heerema cùisean os làimh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 24 Mar 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 24 Mar 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Mar 201510:00BBC Radio nan Gàidheal
