
06/02/2015
Marc Wringe is aoighean lem beachdan air leabhar na mìos, Nora Webster le Colm Toibin. Mark Wringe and guests discuss book of the month Nora Webster by Colm Toibin.
'S e leabhar na mìos air Leugh an Leabhar, Nora Webster le Colm Toibin, sgeulachd a tha stèidhte an Eirinn sna 60an. Tha Nora na banntraich le ceathar chloinne agus a' strì gus beatha ùr a dhèanamh dhaibh uile às aonais a cèile. Tro cheòl agus tro chàirdeas tha i a' lorg slighe ùr dhith fhèin is dha teaghlach. Tha Marc Wringe is aoighean, Aideen O'Malley agus Iain Dòmhnallach, a' beachdachadh air an leabhar. Cluinnear cuideachd bho Rosemary Ward, Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean, mu leabhraichean Gàidhlig ùra a bhios a' nochdadh air a' bhliadhna seo agus bidh neach-deasachaidh na sreatha Lasag, Alison Lang, a' bruidhinn mun leabhar as ùire san t-sreath, Glainne le Dàibhidh Eyre.
Last on
Marc Wringe, Aideen O'Malley agus Iain Dòmhnallach

Broadcasts
- Fri 6 Feb 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 6 Feb 201517:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Feb 201514:30BBC Radio nan Gàidheal