
04/02/2015
A' cuimhneachadh air Sir Norman Wisdom nach maireann agus ceud bliadhna bho rugadh e. Remembering Norman Wisdom 100 years after his birth.
Tha ceud bliadhna ann bho rugadh Sir Norman Wisdom nach maireann. Cluinnidh sinn mar a bhitheadh e a' toirt gàire air daoine agus air cho measail 'sa bha an luchd leantainn aige air.
Gheibh sinn beachdan air prògram telebhisean a bha air BBC 2 an-raoir Inside the Commons le Michael Cockerell far an dh'fhuair sinn a-mach beagan mu dheidhinn na bhitheas a' tachairt air cùlaibh ghnothaichean anns a' Phàrlamaid.
Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh air mòran càineadh fhaighinn bho chionn ghoirid le ceistean gan togail mu leasachaidhean a' chidhe agus an dàil a tha air a bhith air an obair. Tha Coinneach a' còmhradh ri Cathraiche na h-Urras Caladh Steòrnabhaigh Bert Frater agus ris an Iar Chathraiche na h-Urrais Murchadh Moireach airson na ceistean a tha air bilean an t-sluaigh a thogail. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 4 Feb 201509:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 Feb 201521:03BBC Radio nan Gàidheal