
Episode 9
Tha Dòmhnall Lach agus Calum a' Chal a' cur crìoch air a' chuairt aca mu Bharraigh. Donald MacLean and Calum MacNeil complete their trip around Barra.
Tha Dòmhnall Lach agus Calum a' Chal a' cur crìoch air a' chuairt aca mu Bharraigh air an t-seachdain seo agus iad a' tadhail air Bruarnais, Buaile nam Bodach agus a' crìochnachadh san Àird Mhòr. Tha Criosaidh Nic an t-Saoir ag innse dhaibh mar a thachair dhi fhèin nuair a bha i anns a' bhun-sgoil, mar a bhàsaich an tidsear òg aca leis a' chaitheamh agus mar a b' fheudar do chuid de na sgoilearan ùine a chur seachad anns an ospadal agus iad air an tinneas a ghlacadh. Tha uachdaran a' Bhàgh a Tuath a' coinneachadh riutha agus e a' tilleadh bhon a' chuairt thràth aige air feadh nan cladaichean agus a' toirt dhaibh eachdraidh na sgìre - cò eile ach an Canan Aonghas MacCuithein. Agus cluinnidh sinn mar a tha an seòladair air a dhol na ghàirnealair agus Dòmhnall 's Calum a' tadhail air Murchadh Dòmhnallach.
Last on
Broadcasts
- Tue 13 Jan 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 13 Jan 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Jan 201510:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 27 Sep 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 27 Sep 201822:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Sep 201809:30BBC Radio nan Gàidheal