
28/12/2014
Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. Week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
![]()
Corresponding Litir Bheag
Litir Bheag 502
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 806
Duration: 05:00
Litir 806: An t-Iasg Òir
Bha uaireigin iasgair ann. Bha e a’ fuireach cuide ri a bhean ann an taigh-tughaidh an cois na mara. Bha iad gu math bochd. Bha an t-uisge a’ faighinn a-steach tro mhullach an taighe, bha na h-uinneagan air an sgàineadh agus bha an cuid aodaich luideagach. Ach, a dh’aindeoin sin, bha iad sona gu leòr.
Latha a bha seo, chaidh am bodach chun na carraig le lìon. Bha a bhean ag iarraidh air iasg a ghlacadh airson an suipeir. Cha d’ fhuair e ach aon iasg beag. Ach ’s e iasg neònach a bh’ ann. Bha dath an òir air. Bha a lannan mar gum biodh air an dèanamh de dh’òr.
Thug am bodach sùil gheur air an iasg. Agus thachair rud iongantach. Dh’fhosgail an t-iasg a bheul agus thòisich e air bruidhinn. Agus bha e a’ bruidhinn Gàidhlig. Uill, bha seo air taobh an iar na Gàidhealtachd – ’s beag an t-iongnadh gur e Gàidhlig a bh’ aige, ’s dòcha!
‘A dhuine chòir,’ thuirt an t-iasg, ‘na marbh mi.’ Cha robh fios aig an iasgair gu dè chanadh e. ’S iomadh bliadhna a bha e a’ fuireach an cois na mara, agus ’s iomadh latha a bha e ag iasgach. Ach iasg a bhruidhneadh ris – ann an cainnt a thuigeadh e – uill, cha do thachair sin riamh roimhe. ’S iomadh annas a chì sinn, agus sinn beò fada gu leòr.
‘A dhuine chòir,’ thuirt an t-iasg a-rithist. ‘Na marbh mi. Tilg mi air ais don mhuir. Ma nì thu sin, cha bhi thu gun duais.’
‘Dè an duais?’ dh’fhaighnich an t-iasgair. ‘Dè gheibh mi bhuat?’
‘Gheibh,’ ars an t-iasg, ‘rud sam bith a thogras mi a thoirt dhut – ach a-mhàin an cumhachd a th’ agam fhìn.’
Rinn an t-iasgair gàire. ’S e còmhradh neònach a bh’ ann gun teagamh, agus e a’ bruidhinn ri iasg beag òir. ‘Hut,’ thuirt e, ‘chan fhiach thu mòran air an truinnsear – tha thu ro bheag. Ach chan eil mi a’ creidsinn gu bheil cumhachd mar sin agad.’ Leis a sin, thilg e an t-iasg air ais don mhuir, agus dh’fhalbh e dhachaigh.
‘An d’ fhuair thu iasg?’ thuirt a bhean ris nuair a thill e.
‘Fhuair,’ fhreagair an t-iasgair.
‘Agus càite a bheil e?’ ars a bhean.
‘Ach uill,’ thuirt an t-iasgair, ‘bha e ro bheag. Agus leis an fhìrinn innse, cha robh mi airson ithe co-dhiù.
‘Carson sin?’ dh’fhaighnich a bhean. ‘Dè bha ceàrr air?’
‘Uill, ’s e iasg òir a bh’ ann,’ thuirt an duine aice. ‘Bha coltas air gun robh e air a dhèanamh de dh’òr.’
‘De dh’òr?’ thuirt i, ‘de dh’òr? Chan urrainn sin a bhith.’
‘Chan e sin a-mhàin,’ lean an duine aice, ‘ach bha e a’ bruidhinn rium – ann an Gàidhlig!’
Choimhead a bhean air mar gun robh e air a dhol às a rian. Ach chùm an t-iasgair a’ dol. ‘Thuirt e rium, nan cuirinn air ais don mhuir e, gun toireadh e duais dhomh – duais sam bith a dh’iarrainn.’
‘Agus dè dh’iarr thu air?’
‘Cha do dh’iarr dad. Cha robh ann ach iasg beag.’
‘Uill,’ thuirt a bhean, ‘chan eil sin math gu leòr. Chan eil grèim bìdh anns an taigh. Thalla thus’ air ais don chladach agus iarr air an iasg aran a thoirt dhuinn.’
Thill an t-iasgair don chladach. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
cuide ri a bhean ann an taigh-tughaidh: with his wife in a thatched house; bha na h-uinneagan air an sgàineadh: the windows were cracked; bha an cuid aodaich luideagach: their clothes were ragged; a dh’aindeoin sin, bha iad sona gu leòr: despite that, they were happy enough; chaidh am bodach chun na carraig le lìon: the old man went to the [fishing] rock with a net; bha a lannan mar gum biodh air an dèanamh de dh’òr: its scales appeared to be made of gold; ’s beag an t-iongnadh gur e Gàidhlig a bh’ aige: it’s hardly surprising that it spoke Gaelic; a dhuine chòir: good man; iasg a bhruidhneadh ris – ann an cainnt a thuigeadh e: a fish that would speak to him – in speech he understood; ’s iomadh annas a chì sinn, agus sinn beò fada gu leòr: it’s many a strange thing we see if were alive long enough; ma nì thu sin, cha bhi thu gun duais: if you do that, you won’t be without reward; chan fhiach thu mòran air an truinnsear: you’re not worth much as food [on the plate]; chan eil mi a’ creidsinn gu bheil cumhachd mar sin agad: I don’t believe you have power like that; leis an fhìrinn innse, cha robh mi airson ithe co-dhiù: to tell the truth, I didn’t want to eat it anyway; chan urrainn sin a bhith: that’s impossible; chan e sin a-mhàin: not only that; choimhead a bhean air mar gun robh e air a dhol às a rian: his wife looked at him as if he had gone doolally; nan cuirinn air ais don mhuir e: if I would return him to the sea; duais sam bith a dh’iarrainn: any reward I would like; chan eil grèim bìdh anns an taigh: there’s not a bite of food in the house; iarr air an iasg aran a thoirt dhuinn: ask the fish to give us bread.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Sun 28 Dec 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.





