
Cuairt Mu Bharraigh - Bhatarsaigh - 6/9
Calum a' Chal agus Dòmhnall Lach air an rathad a Bhatarsaigh air an t-seachdain seo. Calum MacNeil and Donald MacLean make their way to Vatersay.
Tha Calum agus Dòmhnall a' dèanamh air eilean Bhatarsaigh. Air an t-slighe tha iad a' stad aig làrach seann taigh-cruinne, àite far am biodh Calum fhèin a' cluich na òige. Tha Mìcheal MacFhionghuin (Mìcheal Aonghais Mhòir) a' toirt dhaibh eachdraidh air beatha an eilein mus tàinig an cabhsair. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air na sgilean bàrdachd a bh'aig na càirdean agus na nàbaidhean aige fhèin, nam measg bha am fear a sgrìobh Fàgail Bharraigh - Niall MacFhionghuin (Bronnidh) Tha Dòmhnall agus Calum a' stad aig càrn-cuimhne tubaist-mhara an 'Annie Jane' agus tha iad a' faighinn a-mach mu raiders Bhatarsaigh bho Dhòmhnall Caimbeul (Didi).
Mus fhalbh iad à Bhatarsaigh tha iad a' gabhail cuairt gu baile Iorasdail, às na dh'fhalbh na daoine mu dheireadh anns na seachdadan.
Last on
Broadcasts
- Tue 23 Dec 201412:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 23 Dec 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Dec 201410:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 6 Sep 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 6 Sep 201822:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Sep 201809:30BBC Radio nan Gàidheal