
09/12/2014
Dè na càisean a bu chòir a bhith air an truinnseir aig àm na Nollaig? What should be on the cheeseboard at Christmas time?
An-diugh tha sinn a' faighneachd dè na càisean a bu chòir a bhith air an truinnseir aig àm na Nollaig? Tha Alasdair Macleòid, Jessie Boydell agus Dolina NicIllInnein a' cnuasachadh air na càisean a thaghadh iadsan.
Dh' fhoillsich an t-ùghdar òg Zoella a' chiad leabhar aice Girl Online an t-seachdain 'sa chaidh agus i a' reic barrachd leth-bhreacan na Rowling anns a' chiad seachdain le Harry Potter and the Philosopher's Stone.
Thog Zoella cliù anns a' chiad àite le bhith a' cuir bhideothan air-loidhne mu a beatha fhèin agus le bhith a' sgrìobhadh 'blog' mu a beatha. Ach dè a tha a' tarraing dhaoine gu bhith a' sgrìobhadh blog air-loidhne no a bhith a' filmeadh bhideothan? Agus dè a tha gar tàladh gu bhith a' coimhead na bhideothan seo?
Cuideachd tha Sandra Mhoireach a' toirt sùil air na fasanan a bhios rim faicinn aig pàrtaidhean Nollaig. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Càisean

Broadcast
- Tue 9 Dec 201412:33BBC Radio nan Gàidheal