
27/11/2014
Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là. Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.
An diugh cluinnidh sibh sgeulachd cogaidh à Sgìre Nis ann an Leòdhas. Tha trì fichead bliadhna sa deich an t-seachadain seo fhèin bho chaidh Tormod Mac a' Ghobhainn a ghlacadh na phrìosanach cogaidh anns an Eadailt aig àm an dàrna cogaidh.
Tha Anna Nicleòid ag innse sgeulachd beatha an t-Ameiraganach Tearlach Manson a bha mar mheadan air muirtan iargalta anns na Stàitean Aonaichte bho chionn còrr agus dà fhichead bliadhna. Tha aithris a-nis anns na naidheachdan gu bheil e air cead fhaighinn tè a phòsadh anns a' phrìosan. Cuideachd gheibh sinn beachd an t-eòlaiche inntinn Dòmhnall MacLèoid carson a tha cuid a bhoireannach a' faighinn daoine cunnartach mar Manson tarraingeach? bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcasts
- Thu 27 Nov 201409:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 27 Nov 201421:13BBC Radio nan Gàidheal