
Na thachair sa Chiad Chogadh anns na trì seachdainean a chaidh, ceud bliadhna an ama sa. Events in World War One in the last three weeks, one hundred years ago.
Air an t-seachdain sa tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse dhuinn mu Chiad Blàr Ypres, mar a tharraing an Grand Fleet a-mach à Scapa Flow agus mar a chaidh an SS Glitra a cuir fodha air a slighe à Inbhir Ghrainnse.
Tha na naidheachdan bàis a' tighinn tric agus am measg na sgeulachdan a chluinneas sinn bidh seanchas mun t-slighe air an deach Bìoball a chaidh a thoirt do dh'aon fhear à Nis a chailleadh san Fhraing.
Cuideachd cluinnidh sinn sgeulachd rudeigin annasach an Audacious agus mar a chuireadh fodha i. Bha i am measg grunn shoithichean eile a bh'air an tarraing a-mach à Scapa Flow fhads a bha barrachd dìon dha chuir air a'cheàrnaidh sin. Fhads a bha i fhèin agus sia soithichean eile air eacarsaich aig Vice Admiral Warrender chaidh a bualadh le mèinne. Chuireadh fodha i ach cha b'e sin deireadh na sgeòil dhan Audacious. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmnaill dhuinn mar a thachair.
Bha sabaid a' leantainn air tìr ann an Ypres agus an àitichean eile ach bha call mòr aig muir cuideachd. Cluinnidh sinn mar a chaidh HMS Hermes a chuir fodha an Caolas Shasainn, ged a fhuair i rabhadh, le call beatha eileanach na luib. Agus bha blàr aig muir eadar na soithichean a bha fo stiùir Vice Admiral Maximilian von Spee agus Rear Admiral Sir Christopher Craddock far chladaichean Chile. 'S ann air soithichean Bhreatainn a thigeadh an call.
Cluinnidh sinn cuideachd à tasglann Radio nan Gaidheal bho Choinneach Macleòid, Coinneach Rob à Bail' Ailein a bha anns na trainnsichean aig Messines Ridge faisg air Ypres.
Last on
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Actor | Artair Donald |
| Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Mon 10 Nov 201412:03BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 10 Nov 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Nov 201413:00BBC Radio nan Gàidheal