
31/10/2014
Prògram sònraichte a' comharrachadh Oidhche Shamhna còmhla ri Shona. bbc.co.uk/aileag. A special programme to celebrate Halloween with Shona MacVicar.
Prògram sònraichte a' comharrachadh Oidhche Shamhna còmhla ri Shona.
Cluinnidh sinn mar a chaidh do Sgioba Aileag 's iad a' feuchainn air puimcean a gheàrradh. An do rinn sib' fhèin lanntair a-mach à puimpcean am bliadhna? Ma rinn cuiribh thugainn na dealbhan gu [email protected].
Tha sgoilearan Bunsgoil Lacasdail ann an Leòdhas ag innse dè a tha iad fhèin gu bhith ris Oidhche Shamhna.
Tha Marnie a' toirt sùil air an eachdraidh air cùlthaobh na h-oidhche eagallach seo.
Agus tha Isabelle air ais le làrach-lìn eile agus an t-seachdain seo le làrach Nickelodeon a tha i air a bhith a' rannsachadh.
Sin agus sinn fhathast a' comharrachadh ceud bliadhna bhon a bha a' Chiad Chogadh ann agus tha Shona an t-seachdain 'sa air a bhith a' rannsachadh cò ris a bha cùisean coltach dha daoine ann an Alba a bha aig an taigh aig àm a' chogaidh. bbc.co.uk/aileag.
Last on
Clips
![]()
Aileag: Puimceanan Oidhche Shamhna
Duration: 06:18
![]()
Aileag: Aig an Taigh 1
Duration: 05:31
Broadcasts
- Fri 31 Oct 201414:03BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 1 Nov 201412:03BBC Radio nan Gàidheal


