
09/09/2014
Màiri Sìne Chaimbeul a' bruidhinn ri Maureen NicLeòid mu thuras a ghabh i as na 1970an. Màiri Sìne Campbell talks about her holiday travelling from London to Cairo in the 1970s.
Ann an 1974 dh' fhàg Màiri Sìne Chaimbeul agus bana-charaid dhith, Sheila, an obraichean ann an Lunnainn agus thog iad orra air slighe tro Afraga a tuath agus an Ear Mheadhanach.
Eadar a bhith a' falbh air an òrdaig, ann an càraichean, busaichean, itealan, agus fiùs Dhow tarsainn Caolas Hormuz eadar Dubai agus Iran, 's iomadh dòigh siubhal a bha ri fhaotainn.
Tha sinn cleachdte ri bhith a' cluinntinn mu na cèarnaidhean sin den t-saoghal as na naidheachdan san là an-diugh, ach cò ris a bha iad coltach bho chionn 40 bliadhna?
Cluinnear mu chleachdaidhean, mu chreideamh, mu na seallaidhean a bha rim faicinn, mu choibhneas nan daoine ris an do choinnich iad agus iomadh cuspair agus sgeulachd eile.
Anns a' chiad phrògram cluinnear mar a chaidh dhaibh as a' chiad phàirt den turas aca, bho Lunnainn, gu Morocco, tro Afraga a tuath gu ruige Cairo.
Last on
Broadcasts
- Tue 9 Sep 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Sep 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Sep 201410:00BBC Radio nan Gàidheal