
03/09/2014
An-diugh a bheil sinn a' ceannach cus gizmos anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò? Today, are we suffering from consumer consumption?
An-diugh a bheil sinn a' ceannach cus gizmos anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò? Chaneil càil nach eil sinn a ceannach 'sa ceannach bho bhiadh anns na bùithean-mòra, aodach, brògan, bagaichean, càraichean, compiutairean, fònaichean-laimh, àrachas, siubhal, laithean-saora. Dè nach eil sinn a' ceannach? Gheibh sinn beachd triùir a bheil na modhan ceannach againn air a dhol robh fhada?
Tha John Neil Dòmhnallach ag innse eachdraidh a' phìos pàipear cruinn a tha a' dearbhadh gu bheil sinn air cìs-rathaid a' phàigheadh.
Tha dotairean anns an Emirate Aonaichte Arabach a' dùileachadh gun fhaic iad barrachd is barrachd fireannaich òga a' faighinn caoiteas tatùthan seach nach eil an ealain-bodhig seo air a cheadachadh fo lagh ùr far a bheil aca ri Seirbhis Nàiseanta a dhèanamh. Tha Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir a' mìneachadh mar a tha Seirbhis Nàiseanta fhathast ann an dùthchanan thall-thairis.
Agus dè cho socair 'sa tha sibh air seataichean nam pleànaichean nuair a tha sibh a' sgèith. B'fheudar aon phleàna tilleadh air ais dhan phort adhar ann an Ameireaga nuair a dhiùlt neach siubhail leigeil le boireannach an seata aice a chuir air ais. An e cùis dhragh a th'ann ma tha daoine a' sìneadh air ais na recliners air beulaibh ar casan? Tha triùir a tha eòlach air a bhith a' sgèith a' beachdachadh: Daibhidh Byrne, Fearchar MacFhionghuinn agus Maureen Nicleòid. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 3 Sep 201409:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Sep 201421:03BBC Radio nan Gàidheal