
An Lùnastal 2014
'S e litreacheas a' Chogaidh Mhòir ris a bheil Marc Wringe a' coimhead air a' mhìos seo. Mark Wringe and guests consider fiction and poetry based on and in the First World War.
Prògram sònraichte mar chomharra air 100 bliadhna bhon a thòisich a' Chiad Chogadh.
An-diugh, tha Marc, Iain MacAmhlaigh, Aonghas Dubh MacNeacail agus Màiri Kidd a' toirt beachd air leabhraichean 's bàrdachd a tha stèidhichte sa Chogadh Mhòr.
Bho samhail All Quiet on the Western Front le Erich Maria Remarque gu Birdsong le Sebastian Faulks agus Regeneration le Pat Barker, tha na mìltean de leabhraichean ficsean air a bhith air an stèidheachadh air a' Chogadh Mhòr.
Agus ann am bàrdachd, a thuilleadh air ùghdarran ainmeil leithid Wilfred Owen agus Siegfried Sassoon, tha luaidh ga dheanamh air briathran Dhòmhnaill Ruaidh Choruna is eile ann an Gàidhlig.
Tha Iain, Aonghas agus Màiri a' taghadh na leabharaichean agus na pìosan bàrdachd as fheàrr a chòrd riutha fhèin agus a' bruidhinn mu na diofar seallaidhean a bha sgrìobhaichean a' gabhail air a' Chiad Chogadh.
Last on
Iain MacAmhlaidh, Mark Wringe agus Aonghas Dubh MacNeacail

Broadcasts
- Fri 1 Aug 201417:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Aug 201415:30BBC Radio nan Gàidheal