
Episode 3
Dòmhnall Ruadh leis an earrann mu dheireadh den sgeulachd aig Alasdair Macleòid. Donald Smith reads the final part of Alasdair Macleod's short story, The Boat.
Seo an earrann mu dheireadh den sgeulachd ghoirid, An Sgoth, a sgrìobh an Canèidianach Alasdair Macleòid, a chaochail sa Ghiblean am bliadhna. Rugadh Alasdair air prèiridhean Chanada ach, nuair a bha e na bhalach, ghluais e fhèin 's a theaghlach a Shiorrachd Inbhir Nis ann an Eilean Cheap Breatainn. Choisinn e cliù mhòr, fad 's farsaing, airson a chuid sgrìobhaidh agus cruth na tìre agus spiorad nan daoine an Ceap Breatainn aig cridhe a na bha e a' cur ri pàipear. B' ann airson sgeulachdan goirid a b' ainmeile a bha e agus chaidh dà chruinneachadh dhiubh fhoillseachadh, agus bha an Gibht Caillte Saillte na Fala mar ainm aige air aon dhiubh. Bho chionn faisg air fichead bliadhna chaidh na sgeulachdan eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig do Radio nan Gaidheal agus seo an earrann mu dheireadh den sgeulachd An Sgoth, air a h-eadar-theangachadh le Jo NicDhòmhnaill agus air a leughadh le Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn.
Last on
Broadcasts
- Fri 1 Aug 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 2 Aug 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Aug 201414:30BBC Radio nan Gàidheal