
01/08/2014
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 785
Duration: 04:59
Litir 785: An Fheòrag ann an Ainmean-àite
Bha e riamh inntinneach dhomh cho gann ’s a tha ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd anns a bheil an fheòrag a’ nochdadh. Anns an leabhar ùr aige Reading the Gaelic Landscape, tha Iain Moireach a’ dèanamh dheth gur dòcha gur e as coireach ri sin gun robh a’ Ghàidhealtachd a’ sìor chall a cuid chraobhan nuair a bha na Gàidheil ag ainmeachadh na tìre. Ach tha e a’ soilleireachadh aon àite far an nochd an fheòrag. Chan e ‘feòrag’ a th’ oirre ge-tà, ach rudeigin eile. Thig mi gu sin an-ceartuair.
Tha cuimhne agam air còmhradh a bh’ agam le tè à Uibhist a Deas o chionn grunn bhliadhnaichean. Dh’fhaighnich i dhìom, ‘A Ruairidh, dè a’ Ghàidhlig air pheasant?’ ‘Easag,’ fhreagair mise. ‘’S e sin a chuala mi co-dhiù.’
‘O, chan eil fhios a’m mu dheidhinn sin,’ thuirt i. ‘’S e sin a chanamaid fhèin airson squirrel.’ Bha sin inntinneach dhomh, gu h-àraidh leis gu bheil Uibhist a Deas gu math gann de chraobhan – agus, mar sin, de dh’fheòragan. Cò às a thàinig easag airson squirrel? Ma dh’fhaodte gun robh e a’ dol air ais fada ann an eachdraidh a’ chànain.
Agus ’s e easag a tha a’ riochdachadh na feòraig anns an ainm-àite a tha Iain Moireach ag ainmeachadh. ’S e an t-àite – Kintessack faisg air Farrais ann am Moireibh. ’S e sin Ceann na h-Easaig ann an Gàidhlig. Tha Iain a’ dèanamh dheth gur e an fheòrag a th’ air a riochdachadh anns an ainm.
Bu chòir don a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an àrainneachd na Gàidhealtachd lethbhreac fhaighinn de Reading the Gaelic Landscape. Tha an t-uabhas fiosrachaidh ann a bhios na chuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn ainmean-àite Gàidhlig. Agus tha fiosrachadh ann mu eachdraidh a’ chànain fhèin.
Aig deireadh an leabhair, tha Iain a’ toirt tar-shealladh air a’ ghnothach. Thug e sùil air ceathrad s a sia (46) dhen t-seachdad s a dhà (72) mapaichean Landranger de dh’Alba, far a bheil ainmean-àite Gàidhlig cumanta, gun a bhith air an atharrachadh le cànan eile. Rinn e sgrùdadh air na h-eileamaidean annta. Tha e a’ dèanamh dheth gu bheil còrr is sia ceud dhiubh uile-gu-lèir. Tha ainmean ainmhidhean a’ dèanamh deich às a’ cheud dhen bhriathrachas.
Nas cumanta na sin, tha na h-ainmean co-cheangailte ri uisge is sàl, lochan, aibhnichean, uillt is cladaichean. ’S docha nach eil sin na iongnadh, nuair a thathar a’ coimhead air Gàidhealtachd na h-Alba.
Tha Iain na iasgair slaite agus tha e a’ toirt seachad fiosrachadh a bhios feumail do dh’iasgairean. Chan eil fhios a’m dè cho glic ’s a tha sin, agus e fhèin ceum air thoiseach air mòran dhiubh an-dràsta leis an eòlas a th’ aige! Ach tha e math gu bheil e a’ faicinn gur e buidheann a th’ annta a bu chòir Gàidhlig ionnsachadh.
’S e a chomhairle gum bu chòir ‘Lochan Dubha’ a sheachnadh, co-dhiù ro mheadhan an t-samhraidh. Tha iad fuar, searbhagach is mòineach. Bidh feadhainn le ainmean eunach orra, leithid Loch nan Eun no Lochan nan Gèadh, nas fheàrr airson iasgach oir bidh eòin a’ todhradh an uisge. Agus bidh fios aig a h-uile duine a leughas an leabhar gur e lochan iasgaich fìor mhath a th’ ann an Loch nam Breac Mòra agus Loch nam Breac Reamhar!
Faclan na Litreach
Iain Moireach: John Murray; Uibhist a Deas: South Uist; easag: pheasant, squirrel; àrainneachd: environment; tar-shealladh: overview; eileamaidean: elements; sàl: saltwater; iasgair slaite: rod-and-line fisherman; searbhagach: acidic; mòineach: peaty; eunach: avian; Lochan nan Gèadh: the lochan of the geese; Loch nam Breac Reamhar: the loch of the fat trout [pl.].
Abairtean na Litreach
Bha e riamh inntinneach dhomh: it was always interesting to me; cho gann ’s a tha ainmean-àite anns a bheil an fheòrag a’ nochdadh: how few place-names there are in which the squirrel appears; nuair a bha na Gàidheil ag ainmeachadh na tìre: when the Gaels were naming the landscape; tha e a’ soilleireachadh aon àite: he highlights one place; thig mi gu sin an-ceartuair: I’ll come to that presently; ’s e sin a chuala mi co-dhiù: that’s what I heard anyway; ’s e sin a chanamaid fhèin airson: that’s what we would say for; gann de chraobhan: lacking in trees; ma dh’fhaodte gun robh e a’ dol air ais fada ann an eachdraidh a’ chànain: perhaps it was going back a long way in the history of the language; a tha a’ riochdachadh na feòraig: that represents the squirrel; a bhios na chuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn: which is a help in understanding; tha ainmean ainmhidhean a’ dèanamh deich às a’ cheud dhen bhriathrachas: names of animals make up ten percent of the vocabulary; chan eil fhios a’m dè cho glic ’s a tha sin: I’m not sure how wise that is; ceum air thoiseach air mòran dhiubh: a step ahead of many of them; gum bu chòir X a sheachnadh: that X should be avoided; bidh eòin a’ todhradh an uisge: birds fertilize the water.
Puing-chànain na Litreach
far a bheil ainmean-àite Gàidhlig cumanta, gun a bhith air an atharrachadh le cànan eile: where Gaelic place-names are common, without being modified by another language. Gun a bhith air is a useful phrase, but remember to use the appropriate possessive pronoun before the verbal noun eg bha mi sìtheil, socrach gun a bhith air mo chur thuige leis an dol a-mach aige ‘I was peaceful and relaxed, not being angered by his behaviour’; bha i na laighe air grunnd na mara, gun a bhith air a togail ‘she was lying on the seabed, without being raised’; bha sinn ann gun fhiosta, gun a bhith air ar clàradh air an rathad a-steach ‘we were there secretly, not having been recorded on entry’.
Gnàthas-cainnt na Litreach
a’ sìor chall a cuid chraobhan: rapidly losing its trees.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 1 Aug 201411:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Aug 201414:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




