
18/07/2014
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 783
Duration: 05:00
Litir do Luchd-ionnsachaidh 783
Bha mi ann an dà Chnòideart o chionn ghoirid. Anns a’ Chèitean, bha mi ann an Cnòideart ann an Canada. Anns an Ògmhios bha mi anns a’ Chnòideart thùsail, air taobh an iar Gàidhealtachd na h-Alba. Tha an dà Chnòideart snog, ach gu math eadar-dhealaichte bho chèile.
Ann an Canada, tha Cnòideart – Knoydart – air rubha air taobh an iar-thuath tìr-mòr na h-Alba Nuaidhe. Tha e air a chuairteachadh le coille nàdarrach ann an sgìre a bha uaireigin làn Gàidhlig. Tha soidhnichean-baile dà-chànanach anns an sgìre, agus tha beagan dhen chànan ann fhathast.
Tha carragh-cuimhne ann an Cnòideart a tha car coltach ris a’ charragh air Blàr Chùil Lodair faisg air Inbhir Nis ann an Alba. Chan eil e cho mòr ris a’ charragh Albannach, ach tha an t-aon chumadh air. A h-uile bliadhna, bidh daoine a’ tighinn cruinn còmhla air an làraich seo anns a’ Ghiblean. Bidh iad a’ comharrachadh agus a’ cuimhneachadh Blàr Chùil Lodair agus a’ bhuaidh a thug sin air na Gàidheil.
Goirid às dèidh dhomh tilleadh a dh’Alba, chaidh mi fhìn ’s mo bhean don Chnòideart againn fhìn. Bha deireadh-sheachdain againn ann an Sgiathairidh, a tha faisg air Ceann Loch Shubhairne air cladach a deas an locha. Bha sinn a’ fuireach ann an taigh a th’ air a ruith mar taigh-aoigheachd le cupall òg.
Abair gun robh e math. Bha deagh shìde ann, bha biadh math ann agus bha sinn ann an àite air leth brèagha. Tha Loch Shubhairne air beulaibh an taighe, agus tha beanntan àrda ceithir-timcheall air. Tha an t-àite às aonais an dealain, ach dè an diofar? Bha e sìtheil, sàmhach, bòidheach. Chòrd e rinn gu mòr.
Nuair a tha sinn a’ feuchainn ri ainmean-àite na sgìre sin a thuigsinn, feumaidh sinn cuimhneachadh gun robh na Lochlannaich ann fad ùine mhòr. Tha sin follaiseach bho ainmean nam bailtean. Tha feadhainn Ghàidhlig ann, leithid Inbhir Aoidh agus An Corran. Ach tha feadhainn eile ann, leithid Àrnasdal agus Bàrrasdal, a tha gu follaiseach Lochlannach.
Agus, cho math ri sin, thug an t-Seann Lochlannais buaidh air na h-ainmean Gàidhlig. Mar eisimpleir, chì sinn ainmean beinne mar Buidhe Bheinn agus Ladhar Bheinn. Nam biodh na h-ainmean seo a’ buntainn a-mhàin ri dualchas nan Gàidheal, bhiomaid an dùil gur e Beinn Bhuidhe agus Beinn Ladhrach, no a leithid sin, a chitheamaid air na mapaichean.
Agus Sgiathairidh fhèin. Air cùl a’ bhaile, anns an robh uaireigin grunn theaghlaichean a’ fuireach, tha beinn. ’S e Sgùrr Sgiath Àirigh an t-ainm oirre. Ann an dòigh, tha an t-ainm a’ dèanamh ciall. Bhiodh Sgiath Àirigh a’ ciallachadh ‘the shieling sheltered by the mountain’. Agus ’s e sin a th’ ann. Bidh a’ bheinn a’ dìon a’ bhaile bhon ghaoithe as cumanta.
Ach chan e ‘Sgùrr Sgiath Àirigh’ a chanas daoine ris a’ bheinn. Canaidh iad ‘Sgùrr Sgiathairidh’ – the mountain of Skiary. Chanainn gur e ainm a’ bhaile a thàinig an toiseach – nuair a bha e fhathast na àirigh. An àirigh a bh’ aig fear Skith, ’s dòcha. Ged a thàinig an eileamaid –ary bhon Ghàidhlig don Lochlannais, ’s e ainm Lochlannach a th’ ann an Skiary. Rinn na Gàidheil nàdar de dh’ath-chruthachadh air an ainm a rèir nòsan na Gàidhlig.
Faclan na Litreach
Cnòideart: Knoydart; tùsail: original; carragh-cuimhne: memorial cairn; Blàr Chùil Lodair: Culloden Battlefield; Sgiathairidh: Skiary; taigh-aoigheachd: guesthouse; deagh shìde: good weather; Inbhir Aoidh: Inverie.
Abairtean na Litreach
rubha air taobh an iar-thuath tìr-mòr na h-Alba Nuaidhe: a point on the north-west of the Nova Scotian mainland; air a chuairteachadh le coille nàdarrach: surrounded by natural forest; tha an t-aon chumadh air: it has the same shape; bidh daoine a’ tighinn cruinn còmhla air an làraich seo anns a’ Ghiblean: people gather on this site in April; a’ comharrachadh agus a’ cuimhneachadh: marking and remembering; a’ bhuaidh a thug sin air na Gàidheil: the effect that had on the Gaels; goirid às dèidh dhomh tilleadh: shortly after I returned; faisg air Ceann Loch Shubhairne air cladach a deas an locha: near Kinlochhourn on the south shore of the loch; tha beanntan àrda ceithir-timcheall air: it is surrounded by high mountains; tha an t-àite às aonais an dealain, ach dè an diofar?: the place has no electricity but what difference does that make?; cho math ri sin: in addition to that; thug an t-Seann Lochlannais buaidh air na h-ainmean Gàidhlig: Old Norse influenced the Gaelic names; a’ buntainn a-mhàin ri dualchas nan Gàidheal: connected solely to the heritage of the Gaels; a chitheamaid air na mapaichean: that we would see on the maps; anns an robh uaireigin grunn theaghlaichean a’ fuireach: where several families lived at one time; a’ dìon a’ bhaile bhon ghaoithe as cumanta: protects the settlement from the prevailing wind; nuair a bha e fhathast na àirigh: when it was still a shieling; rinn na Gàidheil nàdar de dh’ath-chruthachadh air an ainm a rèir nòsan na Gàidhlig: the Gaels reinterpreted the name according to Gaelic modes.
Abairtean na Litreach
a’ feuchainn ri ainmean-àite na sgìre sin a thuigsinn: trying to understand that area’s place names. Note the different word order in each language. English places the two verbs (the gerund and the infinitive) adjacent to each other. Gaelic, on the other hand, starts the sentence with the verbal noun (roughly equivalent to a gerund) and ends it with the infinitive, separating the two verbs with the remainder of the sentence. Remember this difference – it’s still a very important part of the language.
Gnàthas-cainnt na Litreach
ann an sgìre a bha uaireigin làn Gàidhlig: in an area which was at one time full of Gaelic.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 18 Jul 201411:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 19 Jul 201410:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Jul 201414:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




