
Episode 3
Màrtainn Dòmhnallach leis an earrann mu dheireadh de sgeulachd Alasdair MhicLeòid. Martin MacDonald reads the final part of Lost Salt Gift of Blood by Alasdair Macleod.
Seo an earrann mu dheireadh den sgeulachd ghoirid, Gibht Caillte Saillte na Fala a sgrìobh an Canèidianach, Alasdair Macleòid, a chaochail sa Ghiblean am bliadhna. Rugadh Alasdair air prèiridhean Chanada ach, nuair a bha e na bhalach, ghluais e fhèin 's a theaghlach a Shiorrachd Inbhir Nis ann an Eilean Cheap Breatainn. Choisinn e cliù mhòr, fad 's farsaing, airson a chuid sgrìobhaidh agus cruth na tìre agus spiorad nan daoine an Ceap Breatainn aig cridhe a na bha e a' cur ri pàipear. B' ann airson sgeulachdan goirid a b' ainmeile a bha e agus chaidh dà chruinneachadh dhiubh fhoillseachadh, agus bha an Gibht Caillte Saillte na Fala mar ainm aige air aon dhiubh. Bho chionn faisg air fichead bliadhna chaidh na sgeulachdan eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig do Radio nan Gaidheal agus seo an earrann mu dheireadh den sgeulachd air a bheil Gibht Caillte Saillte na Fala, air a h-eadar-theangachadh agus air a leughadh le Màrtainn Dòmhnallach.
Last on
Broadcasts
- Fri 11 Jul 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 12 Jul 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Jul 201414:30BBC Radio nan Gàidheal