
30/06/2014
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig àm bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.
Last on
Clip
![]()
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Catrìona Lexy Chaimbeul
Duration: 00:44
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Na biodh feagal ort. Cha mhair an t-sàmhchair seo fada.
Cluinnidh tu an t-àit’ ud a’ gairm ort. Fhathast an sin a’ feitheamh, an fheadhainn a bhios a’ faighneachd gu sìorraidh: “Càit’ an do lorg e am bàs? Cà’ bheil na cnàmhan geala aige nan laighe?”
Èirichidh tu, a ghaisgich dhàn, is fàgaidh tu do ghunna ’s do bheugaileid air do chùlaibh. Lorgaidh tu rathad aithnichte agus leanaidh tu na guthan aca air ais gu àrainneachd d’ òige. Gu talamh dubh do dhaoine.
Ach gus an tig an latha sin – a mhic stròdhail, a ghille chaillte – fuirich thus’ nad chadal. Bidh tu feumach air fois airson a’ chuairt fhada dhachaigh.
Broadcast
- Mon 30 Jun 201412:03BBC Radio nan Gàidheal
