
Episode 1
Màrtainn Dòmhnallach a' leughadh a' chiad earrann de sgeulachd Alasdair Mhicleòid. Martin MacDonald reads the first instalment of Lost Salt Gift of Blood by Alasdair Macleod.
Seo a' chiad earrann den sgeulachd goirid, Gibht Caillte Saillte na Fala a sgrìobh an Canèidianach, Alasdair Macleòid, a chaochail sa Ghiblean am bliadhna. Rugadh Alasdair air prèiridhean Chanada ach, nuair a bha e na bhalach, ghluais e fhèin 's a theaghlach a Shiorrachd Inbhir Nis ann an Eilean Cheap Breatainn. Choisinn e cliù mhòr, fad 's farsaing, airson a chuid sgrìobhaidh agus cruth na tìre agus spiorad nan daoine an Ceap Breatainn aig cridhe a na bha e a' cur ri pàipear. B' ann airson sgeulachdan goirid a b' ainmeile a bha e agus chaidh dà chruinneachadh dhiubh fhoillseachadh, agus bha an Gibht Caillte Saillte na Fala mar ainm aige air aon dhiubh. Bho chionn faisg air fichead bliadhna chaidh na sgeulachdan eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig do Radio nan Gaidheal agus seo a' chiad earrann den sgeulachd air a bheil Gibht Caillte Saillte na Fala, air a h-eadar-theangachadh agus air a leughadh le Màrtainn Dòmhnallach.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Broadcasts
- Fri 27 Jun 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 28 Jun 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Jun 201414:30BBC Radio nan Gàidheal