
Fear-naidheachd gu Searmonaiche - An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh - 3/3
Bho bhith ag aithris naidheachdan gu bhith searmonachadh an t-soisgeil còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh From reporting news to preaching the gospel with Rev A MacAulayi.
Madainn na Sàbaid an Eaglais Bhaile Dhubhthaich agus chan eil an obair aig Alasdair deiseil as dèidh an t-searmoin - tha aige fhathast ri coinneachadh ris na bha an làthair, còmhradh riutha agus cuideachd a dhol airson balgam ti còmhla riutha. Aig deireadh a' phrògram mu dheireadh chuala sinn Alasdair a' toirt seachad comhairle air sàcramaid a' phòsaidh, ach 's e comhairle agus taic gu math eadar-dhealaichte a thug e do don chaileag seo an turas mu dheireadh a bha e na cuideachd agus i a' gabhail thairis an obair aige mar neach-naidheachd aig a' BhBC ann an Steòrnabhagh. Anns a' phrògram seo cluinnidh sinn Alasdair a' toirt comhairle agus taic do Chatriona NicIlleathain agus a leannan Dòmhnall MacIllInnein agus iad a' tadhail air ann am Baile Dhubhthaich, agus Alasdair a' dol dham pòsadh sa chiad seirbheis pòsaidh aige. Ach ron a' phòsadh tha cuirm aige ri dhol thuige, tha Àrd-sheanadh ann agus tha aige ri dhol gu biadh!
Last on
Broadcasts
- Wed 25 Jun 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Jun 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Jun 201410:30BBC Radio nan Gàidheal